Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:52 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

52 Thug e a‑nuas na daoine cumhachdach on cathraichean rìoghail, agus dh’àrdaich e iadsan a bha ìosal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

52 Thug e a‑nuas na daoine cumhachdach on cathraichean rìoghail, agus dh’àrdaich e iadsan a bha ìosal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

52 Tha e air an luchd‑riaghlaidh a thoirt a‑nuas on cathraichean, agus tha e air iadsan a bha iriosal àrdachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

52 Thilg e na daoine cumhachdach dhe ʼn cathraichean, agus dhʼardaich e na daoine iriosal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:52
14 Iomraidhean Croise  

Oir à prìosan thig e a rìoghachadh; an tì mar an ceudna a rugadh na rìoghachd, fàsaidh e bochd.


Agus aithnichidh uile chraobhan na machrach gun tug mise, Iehòbhah, a‑nuas an crann àrd, gun d’àrdaich mi an crann ìosal, gun do rinn mi an crann uaine tioram, agus gun tug mi air a’ chrann thioram a bhith fo bhlàth: mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e.


Anns an là sin togaidh mise suas pàillean Dhaibhidh a tha air tuiteam, agus dùinidh mi suas a bheàrnan; agus togaidh mi suas a làraichean, agus cuiridh mi suas e mar anns na làithean o shean:


Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann.


Oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.


Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.


Irioslaichibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh.


Tha boghannan nan daoine treuna air am briseadh agus tha iadsan a thuislich air an crioslachadh le neart.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan