Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:42 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

42 Agus ghlaodh i a‑mach le guth àrd, agus thubhairt i, Is beannaichte thu am measg bhan, agus is beannaichte toradh do bhronn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

42 Agus ghlaodh i a‑mach le guth àrd, agus thubhairt i, Is beannaichte thu am measg bhan, agus is beannaichte toradh do bhronn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

42 Agus dh'èigh i a‑mach le guth àrd, “Is beannaichte thu am measg bhoireannach, agus is beannaichte toradh do bhroinne!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

42 Agus dhʼeigh i le guth ard, us thuirt i: Is beannaichte thu am measg nam mna, agus is beannaichte toradh do bhronn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:42
13 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn, a chionn gun d’èisd thu rim ghuth.


Oir rinn thu e ro‑bheannaichte gu bràth; rinn thu e ro‑aoibhneach led ghnùis.


Is maisiche thu na clann nan daoine; dhòrtadh gràs ann ad bhilean; uime sin bheannaich Dia thu gu bràth.


Agus air dol a‑steach don aingeal da h‑ionnsaigh, thubhairt e, Fàilte dhut, O thusa don do nochdadh mòr dheagh-ghean tha an Tighearna maille riut: is beannaichte thu am measg bhan.


Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh.


Agus cionnas a dh’èirich seo dhòmhsa gun tigeadh màthair mo Thighearna am ionnsaigh?


Do bhrìgh gun d’amhairc e air staid ìosail a bhanoglaich: oir feuch, o seo suas goiridh gach linn beannaichte mi.


Ag ràdh, Guma beannaichte an Rìgh a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna: sìth air nèamh, agus glòir anns na h‑àrdan.


Dom buin na h‑athraichean, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla, neach as e Dia os cionn nan uile, beannaichte gu sìorraidh. Amen.


Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.


Beannaichte os cionn bhan bidh Iael bean Hebeir, an Ceneach; beannaichte bidh i os cionn bhan anns a’ bhùth.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan