Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 A‑chum gum biodh fios agad air cinnteachd nan nithean anns an deachaidh do theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 A‑chum gum biodh fios agad air cinnteachd nan nithean anns an deachaidh do theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 airson 's gum faod cinnt a bhith agad mu na rudan a chaidh a theagasg dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

4 An t‑acrach shàsaich e le lòn, an saidhbhir leòn le gort, Ri luchd an àilgheas chuir e cùl, is thug a rùn don bhochd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Gu fios a bhith agad air firinneachd nam facal sin, anns an deach do theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:4
7 Iomraidhean Croise  

A‑chum gun nochdainn dhut cinnte briathran na fìrinn; a‑chum gum freagradh tu briathran na fìrinn dhaibhsan a chuireas fios ad ionnsaigh?


Ach tha iad seo sgrìobhte, a‑chum gun creideadh sibh gur e Iosa an Crìosd Mac Dhè; agus a’ creidsinn dhuibh, gum biodh agaibh beatha tro a ainm-san.


Bha an duine seo air a theagasg ann an slighe an Tighearna; agus air dha a bhith dian na spiorad, labhair agus theagaisg e gu dìcheallach na nithean a bhuineadh don Tighearna, agus gun eòlas aige ach air baisteadh Eòin.


Agus is aithne dhut a thoil, agus tha thu a’ dearbhadh nan nithean as fheàrr, air dhut a bhith air do theagasg as an lagh;


Ach b’fheàrr leam còig facail a labhairt anns an eaglais lem thuigse, a‑chum gun teagaisginn daoine eile mar an ceudna, na deich mìle facal ann an teangaidhean coimheach.


Co‑roinneadh an neach a tha air a theagasg anns an fhacal ris an neach a tha ga theagasg, anns na h‑uile nithean matha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan