Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 A rèir mar a dh’aithris na daoine sin dhuinne iad, a chunnaic iad o thùs len sùilean, agus a bha nan luchd-frithealaidh an fhacail:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 A rèir mar a dh’aithris na daoine sin dhuinne iad, a chunnaic iad o thùs len sùilean, agus a bha nan luchd‐frithealaidh an fhacail:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 dìreach mar a dh'earb iadsan rinne iad, a bha nan sùil‑fhianaisean agus nan luchd‑frithealaidh air an fhacal:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

2 Canar mi sona leis gach linn, oir rinn mo Dhia orm iochd, Is naomha ainm, 's is buan a ghràs, nis is gach tràth gu beachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Air reir ʼs mar a dhʼinnseadh dhuinn leis an fheadhainn a bha ann bho thoiseach ʼnam fianuisean ʼs ʼnan luchd-frithealaidh doʼn fhacal:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:2
25 Iomraidhean Croise  

Toiseach soisgeul Iosa Crìosd, Mac Dhè:


Agus air dhaibhsan dol a‑mach, shearmonaich iad anns gach àit, air a bhith don Tighearna a’ co‑obrachadh leo, agus a’ daingneachadh an fhacail leis na comharraidhean a lean e. Amen.


Tha am fear-cuir a’ cur an fhacail.


Agus is fianaisean sibhse air na nithean seo.


Agus nì sibhse fianais mar an ceudna, do bhrìgh gu bheil sibh maille rium o thùs.


Ach dh’innis mi na nithean seo dhuibh, a‑chum nuair a thig an t‑àm, gun cuimhnich sibh gun d’innis mi dhuibh iad. Ach cha dubhairt mi na nithean seo ribh o thùs, do bhrìgh gu robh mi maille ribh.


Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:


Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.


Agus air dhaibh am facal a labhairt ann am Perga, chaidh iad sìos gu Atàlia:


A‑nis nuair a chaidh iad tro Phrigia, agus tìr Ghalàtia, agus a bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh am facal a labhairt ann an Asia,


Bha iad sin na b’uaisle na muinntir Thesalonìca, oir ghabh iad am facal dan ionnsaigh leis an uile thogradh, a’ rannsachadh nan sgriobtar gach aon là, a dh’fheuchainn an robh na nithean sin mar sin.


Ach èirich, agus seas air do chasan; oir dh’fhoillsich mi mi fhèin dhut a‑chum na crìche seo, gun òrdaichinn thu ad mhinistear agus ad fhianais araon air na nithean sin a chunnaic thu, agus air na nithean anns am foillsich mi mi fhèin dhut;


Oir chan eil e an comas dhuinne gun na nithean a chunnaic agus a chuala sinn a labhairt.


Uime sin dh’imich an dream a sgapadh feadh gach àite, a’ searmonachadh an fhacail.


Ionnas gum bithinn am mhinistear aig Iosa Crìosd do na Cinnich, a’ frithealadh soisgeul Dhè, a‑chum gum biodh tabhartas nan Cinneach taitneach, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.


Biodh a shamhail seo de mheas aig duine oirnne, mar mhinistearan Chrìosd, agus mar stiùbhardan rùintean-diamhair Dhè.


Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;


Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear-compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh:


Oir cha do lean sinne faoin-sgeulachdan a dhealbhadh gu h‑innleachdach, nuair a chuir sinn an cèill dhuibh cumhachd agus teachd ar Tighearna Iosa Crìosd, ach rinneadh sinn nar sùil-fhianaisean air a mhòrachd-san.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan