Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 9:21 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd‐gearraidh fiodha, agus nan luchd‐tarraing uisge don cho‐chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 9:21
9 Iomraidhean Croise  

Thèid a ghuth a‑mach mar ghuth nathrach; oir gluaisidh iad mar armailt, agus thig iad na h‑aghaidh le tuaghan, mar luchd-gearradh chraobh.


Tha sibh uile nur seasamh an‑diugh an làthair an Tighearna ur Dia; ceannardan ur treubhan, ur seanairean, agus ur luchd-riaghlaidh, fir Israeil uile,


Ur clann bheag, ur mnathan, agus do choigreach a tha ann ad champ o fhear-gearraidh d’fhiodha gu fear-tarraing d’uisge;


Agus nuair a chuala Adoni-sedec, rìgh Ierusaleim, gun do ghlac Iosua Ai, agus gun do lèirsgrios e e; mar a rinn e ri Iericho agus ra rìgh, mar sin gun do rinn e ri Ai agus ra rìgh; agus gun do rinn luchd-àiteachaidh Ghibeoin sìth ri Israel, agus gu robh iad nam measg;


Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh.


Seo nì sinn riu; leigidh sinn eadhon leo a bhith beò, a‑chum nach bi fearg Dhè nar n‑aghaidh, airson nam mionnan a mhionnaich sinn dhaibh.


A‑nis uime sin tha sibh mallaichte, agus cha saorar neach air bith dhibh o bhith nur tràillean, agus nur luchd-gearraidh fiodha, agus nur luchd-tarraing uisge airson taigh mo Dhè.


Agus rinn Iosua iad anns an là sin fhèin nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh agus do altair an Tighearna, eadhon gus an là‑an‑diugh, anns an ionad a roghnaicheadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan