Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 9:17 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat‐iearim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 9:17
24 Iomraidhean Croise  

Agus bha aig mac Shauil dithis fhear a bha nan ceannardan air buidhnean; b’e ainm aoin dhiubh Baanah, agus ainm an fhir eile Rechab, mic Rimoin am Beerotach, de chloinn Bheniàmin: (oir mheasadh Beerot mar an ceudna de Bheniàmin:


Agus Ismaiah an Gibeonach, duine treun am measg an deich-ar‑fhichead, agus os cionn an deich-ar‑fhichead; agus Ieremiah, agus Iehasiel, agus Iohanan; agus Iosabad an Gederatach,


B’iad seo mic Chàleib mhic Huir, ciad-ghin Ephrata: Sobal athair Chiriat-iearim,


Agus bha aig Sobal, athair Chiriat-iearim, mic: Haroeh, Hatsi, Hameniot.


Agus teaghlaichean Chiriat-iearim: na h‑Itrich, agus na Puthich, agus na Sumataich, agus na Misraich: uapasan thàinig na Sereataich, agus na h‑Estaulaich.


Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt-loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon.


Mic Chiriat-arim, Chephirah, agus Bheeroit, seachd ceud, dà‑fhichead agus a trì.


Fir Chiriat-iearim, Chephirah, agus Bheeroit, seachd ceud, dà‑fhichead agus a trì.


Agus bha fòs duine ann a rinn fàistneachd ann an ainm an Tighearna, Uriah mac Shemariah, o Chiriat-iearim, a rinn fàistneachd an aghaidh na cathrach seo, agus an aghaidh na tìre seo, a rèir uile bhriathran Ieremiah:


Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun.


Ciriat-bàal (is e sin Ciriat-iearim), agus Rabah: dà bhaile mhòr lem bailtean beaga.


Agus thàirngeadh a’ chrìoch o mhullach an t‑slèibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i a‑mach gu bailtean sliabh Ephroin, agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Bàalah; (is e sin Ciriat-iearim.)


Agus thàirngeadh a’ chrìoch o sin, agus chuartaich i oisean na mara ri deas, on t‑sliabh a tha fa chomhair Bhet-horoin ri deas: agus bha a dol a‑mach aig Ciriat-bàal (is e sin Ciriat-iearim), baile le cloinn Iùdah. B’i sin a’ cheàrn an iar.


Agus bha a’ cheàrn mu dheas o cheann Chiriat-iearim, agus chaidh a’ chrìoch a‑mach air an làimh an iar, agus ghabh i a‑mach gu tobar uisgeachan Nephtoah.


Agus thachair an ceann trì làithean, an dèidh dhaibh coicheangal a dhèanamh riu, gun cuala iad gum b’iad an coimhearsnaich iad, agus gu robh iad a chòmhnaidh nam measg.


Agus cha do bhuail clann Israeil iad a chionn gun do mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh air an Tighearna, Dia Israeil. Agus rinn an co‑chruinneachadh uile gearan an aghaidh nan uachdaran.


Agus nuair a chuala luchd-àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho agus ri Ai,


Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh-san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit,


Agus chaidh iad suas, agus champaich iad ann an Ciriat-iearim, ann an Iùdah: uime sin thugadh Mahaneh-dan mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh; feuch, tha e air cùlaibh Chiriat-iearim.


Agus chuir iad teachdairean a dh’ionnsaigh luchd-àiteachaidh Chiriat-iearim, ag ràdh, Thug na Philistich air a h‑ais àirc an Tighearna; thigibh a‑nuas, thugaibh suas i dur n‑ionnsaigh.


Agus thàinig daoine Chiriat-iearim, agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus thug iad a‑steach i do thaigh Abinadaib ann an Gibeah, agus naomhaich iad a mhac Eliàsar, a ghleidheadh àirc an Tighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan