Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 8:8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus nuair a ghlacas sibh am baile, cuiridh sibh am baile ri theine: a rèir àithne an Tighearna nì sibh. Feuch, dh’àithn mise dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus nuair a ghlacas sibh am baile, cuiridh sibh am baile ri theine: a rèir àithne an Tighearna nì sibh. Feuch, dh’àithn mise dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 8:8
12 Iomraidhean Croise  

A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun.


Ach de bhailtean an t‑sluaigh sin a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, cha ghlèidh thu nì sam bith beò anns a bheil anail:


Agus fhreagair iad Iosua, ag ràdh, Na h‑uile nithean a dh’àithn thu dhuinne, nì sinn; agus ge bè taobh a chuireas tu sinn, thèid sinn.


Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.


Agus loisg iad am baile le teine, agus gach nì a bha ann: a‑mhàin an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, chuir iad ann an ionmhas taigh an Tighearna.


Agus nuair a shuidhich iad an sluagh, eadhon am feachd uile a bha air an taobh mu thuath den bhaile, agus an luchd feall-fhalaich air an taobh an iar den bhaile, chaidh Iosua anns an oidhche sin do mheadhon a’ ghlinne.


Agus nì thu ri Ai agus ra rìgh mar a rinn thu ri Iericho agus ra rìgh: a‑mhàin a chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh fhèin. Cuir daoine ann am feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile air a chùlaibh.


Agus chaidh iadsan a‑mach as a’ bhaile nan aghaidh; mar sin bha iad ann am meadhon Israeil, cuid air an taobh seo, agus cuid air an taobh ud: agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàgadh aon dhiubh beò, no aon gu dol as.


Agus loisg Iosua Ai, agus rinn e na chàrn e gu bràth, na fhàsach gus an là‑an‑diugh.


An sin èiridh sibhse on fheall-fhalach, agus glacaidh sibh am baile: oir bheir an Tighearna ur Dia nur làimh e.


Uime sin chuir Iosua a‑mach iad; agus dh’fhalbh iad a dhèanamh feall-fhalaich, agus dh’fhan iad eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar de Ai: ach dh’fhan Iosua an oidhche sin am measg an t‑sluaigh.


Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes-naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan