Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 6:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus cuartaichidh sibh am baile, sibhse fheara-cogaidh uile, agus thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile aon uair: mar seo nì thu air sia làithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus cuartaichidh sibh am baile, sibhse fheara‑cogaidh uile, agus thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile aon uair: mar seo nì thu air sia làithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 6:3
9 Iomraidhean Croise  

Agus foidhpe bha coslas dhamh, a chuartaich i mun cuairt, deich anns an làmh-choille a’ dol mu thimcheall na mara mun cuairt. Thilgeadh dà shreath dhamh nuair a thilgeadh i fhèin.


A‑mhàin na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, agus na biodh eagal sluagh an fhearainn oirbh; oir is aran dhuinn iad: dh’fhalbh an dìon uapa, agus tha an Tighearna maille rinne; na biodh eagal oirbh romhpa.


Ach tha an t‑ionmhas seo againn ann an soithichean creadha, a‑chum gum bi òirdheirceas a’ chumhachd o Dhia, agus chan ann uainne.


Mar sin chuartaich àirc an Tighearna am baile, a’ dol ma thimcheall aon uair: agus thàinig iad don champ, agus ghabh iad tàmh anns a’ champ.


Agus air an dara là chuartaich iad am baile aon uair, agus thill iad don champ: mar seo rinn iad air sia làithean.


Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Feuch, thug mi dod làimh Iericho, agus a rìgh, agus na daoine treun ann an neart.


Agus giùlainidh seachd sagartan ron àirc seachd trompaidean de adhaircean reitheachan: agus air an t‑seachdamh là thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile seachd uairean, agus sèididh na sagartan leis na trompaidean.


Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Gabhaibh air ur n‑aghaidh, agus cuartaichibh am baile, agus gabhadh esan a tha fo airm air aghaidh ro àirc an Tighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan