Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 6:10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus dh’àithn Iosua don t‑sluagh, ag ràdh, Cha dèan sibh iolach, agus cha dèan sibh fuaim sam bith le ur guth, cha mhò a thèid facal sam bith a‑mach as ur beul, gus an là anns an abair mise ribh, Dèanaibh iolach; an sin nì sibh iolach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus dh’àithn Iosua don t‑sluagh, ag ràdh, Cha dèan sibh iolach, agus cha dèan sibh fuaim sam bith le ur guth, cha mhò a thèid facal sam bith a‑mach as ur beul, gus an là anns an abair mise ribh, Dèanaibh iolach; an sin nì sibh iolach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 6:10
8 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch suidhichidh mise mar stèidh ann an Sion clach, clach dhearbhte, clach-chinn na h‑oisinn; sàr bhunait; esan a chreideas, cha chuirear gu amhluadh e.


Cha ghlaodh e, agus cha tog e iolach; agus cha chluinnear a ghuth anns na sràidean.


Cha dèan e strì, agus cha ghlaodh e; cha mhò a chluinneas neach air bith a ghuth air na sràidean.


Agus, feuch, cuiridh mise gealladh m’Athar oirbh: ach fanaibh-se ann am baile Ierusaleim, gus an sgeadaichear le cumhachd o na h‑àrdan sibh.


Ach thubhairt esan riu, Cha bhuin e dhuibhse fios nan aimsir no nan àm fhaotainn, a chuir an t‑Athair na chumhachd fhèin.


Mar sin chuartaich àirc an Tighearna am baile, a’ dol ma thimcheall aon uair: agus thàinig iad don champ, agus ghabh iad tàmh anns a’ champ.


Agus chaidh na daoine armaichte ro na sagartan a shèid leis na trompaidean, agus thàinig a’ chuid eile den t‑sluagh an dèidh na h‑àirce, na sagartan a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ sèideadh leis na trompaidean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan