Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 5:13 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus nuair a bha Iosua làimh ri Iericho, thog e suas a shùilean agus dh’amhairc e, agus, feuch, sheas duine thall fa chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh: agus chaidh Iosua da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, An ann leinne a tha thu, no le ar n‑eascairdean?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus nuair a bha Iosua làimh ri Iericho, thog e suas a shùilean agus dh’amhairc e, agus, feuch, sheas duine thall fa chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh: agus chaidh Iosua da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, An ann leinne a tha thu, no le ar n‑eascairdean?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 5:13
24 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha ann an còmhnard Mhamre, agus e na shuidhe an doras a’ bhùtha ann an teas an là;


Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.


Agus dhùisg Iàcob as a chadal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an Tighearna anns an àite seo, agus cha robh fhios agam air.


Agus thog Iàcob suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha Esau a’ teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e a’ chlann do Lèah, agus do Rachel, agus don dà bhanoglaich.


Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnathan agus a’ chlann; agus thubhairt e, Cò iad sin a tha maille riut? Agus thubhairt esan, A’ chlann a thug Dia gu gràsmhor dod sheirbhiseach.


Oir mun àm sin là an dèidh là, thàinig iad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh a chòmhnadh leis, gus an robh feachd mòr ann, mar fheachd Dhè.


Agus dh’àithn an Tighearna don aingeal; agus chuir e suas a chlaidheamh a‑rìs na thruaill.


Ach cha b’urrainn Daibhidh dol na làthair, a dh’fhiosrachadh de Dhia; oir bha e fo eagal airson claidheamh aingeal an Tighearna.


Oir thèid m’aingeal romhad, agus bheir e a‑steach thu a‑chum nan Amorach, agus nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus nan Canàanach, nan Hibheach agus na Iebusach; agus gearraidh mi as iad.


An sin thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi, agus feuch, duine àraidh ann an aodach lìn, aig an robh a leasraidh crioslaichte le òr grinn Uphais:


An sin thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi, agus feuch, sheas, fa chomhair na h‑aibhne, reithe aig an robh dà adhairc; agus bha an dà adhairc àrd; ach aon na b’àirde na an aon eile; agus thàinig an aon a b’àirde a‑nìos mu dheireadh.


Chunnaic mi anns an oidhche, agus feuch duine a’ marcachd air each ruadh, agus sheas e am measg nan craobhan-miortail a bha anns a’ ghleann, agus air a chùlaibh bha eich ruadha, bhreaca, agus bhàna.


Agus chunnaic an asal aingeal an Tighearna na sheasamh anns an t‑slighe, agus a chlaidheamh tàirngte na làimh: agus thionndaidh an asal a lethtaobh as an t‑slighe, agus chaidh i air feadh an fhearainn; agus bhuail Balàam an asal, ga tionndadh a dh’ionnsaigh na slighe.


An sin dh’fhosgail an Tighearna sùilean Bhalàaim, agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh anns an t‑slighe, agus a chlaidheamh tàirngte na làimh; agus chrom e sìos a cheann, agus thuit e sìos air a aghaidh.


Agus am feadh a bha iadsan a’ geur-amharc gu nèamh, agus esan a’ dol suas, feuch, sheas dithis fhear làimh riu ann an aodach geal;


Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Feuch, thug mi dod làimh Iericho, agus a rìgh, agus na daoine treun ann an neart.


Agus ann am meadhon nan seachd coinnleirean, neach cosmhail ri Mac an Duine, air an robh aodach a ràinig sìos gu a shàiltean, agus crioslaichte le crios òir ma chìochan.


Agus dh’èirich Manòah, agus chaidh e an dèidh a mhnà, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an duine, agus thubhairt e ris, An tusa an duine a labhair ris a’ mhnaoi? Agus thubhairt esan, Is mi.


Agus thubhairt Manòah ra mhnaoi, Gu cinnteach gheibh sinn bàs, oir chunnaic sinn Dia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan