Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 24:21 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Chan eadh, ach nì sinne seirbhis don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Chan eadh, ach nì sinne seirbhis don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 24:21
9 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair an sluagh uile le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna, nì sinne. Agus thug Maois air ais briathran an t‑sluaigh a dh’ionnsaigh an Tighearna.


Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair thusa rinn, agus èisdidh sinn: ach na labhradh Dia rinn, air eagal gum faigh sinn bàs.


Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne.


Agus ghabh e leabhar a’ choicheangail, agus leugh e ann an èisdeachd an t‑sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne, agus bheir sinn gèill.


Their am fear seo, Is leis an Tighearna mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iàcoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a làimh don Tighearna, agus sloinnidh e e fhèin air ainm Israeil.


Rinn thu roghainn an‑diugh den Tighearna gu bhith na Dhia dhut, agus gu gluasad na shlighean, agus gu a reachdan a ghleidheadh, agus a àitheantan, agus a bhreitheanais, agus gu èisdeachd ra ghuth.


Ma thrèigeas sibh an Tighearna, agus ma nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, an sin tillidh e agus nì e olc oirbh, agus claoidhidh e sibh, an dèidh dha math a dhèanamh dhuibh.


Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Is fianaisean sibh nur n‑aghaidh fhèin, gun do thagh sibh dhuibh fhèin an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha. Agus thubhairt iad, Is fianaisean sinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan