Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 23:8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Ach dlùth-leanaibh ris an Tighearna ur Dia, mar a rinn sibh gus an là‑an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Ach dlùth‐leanaibh ris an Tighearna ur Dia, mar a rinn sibh gus an là‑an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 23:8
11 Iomraidhean Croise  

Oir dhlùth-lean e ris an Tighearna, cha do chlaon e o a leantainn; ach ghlèidh e a àitheantan, a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.


Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.


Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort; dhàsan nì thu seirbhis, agus ris-san dlùth-leanaidh tu, agus air a ainm mionnaichidh tu.


Oir ma ghleidheas sibh gu dùrachdach na h‑àitheantan seo uile a tha mise ag àithneadh dhuibh a dhèanamh, an Tighearna ur Dia a ghràdhachadh, gluasad na uile shlighean, agus dlùth-leantainn ris;


An dèidh an Tighearna ur Dia gluaisidh sibh, agus bidh a eagal-san oirbh, agus gleidhidh sibh a àitheantan, agus èisdidh sibh ra ghuth, agus nì sibh seirbhis dha, agus dlùth-leanaidh sibh ris.


Agus cuirear am fàidh sin, no am fear sin a chì aisling, gu bàs; a chionn gun do labhair e a‑chum sibhse a chur air seachran on Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, agus a dh’fhuasgail sibh à taigh na daorsa, a‑chum d’iomain a‑mach as an t‑slighe anns an d’àithn an Tighearna do Dhia dhut imeachd; mar sin cuiridh tu air falbh an t‑olc as do mheadhon.


Ach tha sibhse, a lean ris an Tighearna ur Dia, beò gach aon agaibh air an là‑an‑diugh.


Mar na cinnich a tha an Tighearna a’ sgrios ro ur gnùis, is amhail sin a thèid as dhuibhse; a chionn nach b’àill leibh a bhith umhail do ghuth an Tighearna ur Dia.


Ach thugaibh ro‑aire gun coilean sibh an àithne agus an lagh, a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, gràdh a thoirt don Tighearna ur Dia, agus gluasad na uile shlighean, agus a àitheantan a ghleidheadh, agus dlùth-leantainn ris, agus seirbhis a dhèanamh dha le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.


A‑chum nach tig sibh air feadh nan cinneach sin, na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus nach luaidh sibh ainm an diathan, agus nach mionnaich sibh orra, agus nach dèan sibh seirbhis dhaibh, agus nach crom sibh sibh fhèin dhaibh:


Oir dh’fhuadaich an Tighearna a‑mach as ur fianais cinnich mhòra agus threuna: ach dur taobh-se, cha b’urrainn duine sam bith seasamh romhaibh gus an là‑an‑diugh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan