Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 23:6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Bithibh-se uime sin ro‑mhisneachail a ghleidheadh agus a dhèanamh nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar-lagha Mhaois, a‑chum nach till sibh a lethtaobh uaithe, a dh’ionnsaigh na làimh deise, no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Bithibh‐se uime sin ro‑mhisneachail a ghleidheadh agus a dhèanamh nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar‐lagha Mhaois, a‑chum nach till sibh a lethtaobh uaithe, a dh’ionnsaigh na làimh deise, no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 23:6
14 Iomraidhean Croise  

Agus coimhead cùram an Tighearna do Dhia, a dh’imeachd na shlighean, a ghleidheadh a reachdan, agus a àitheantan, agus a bhreitheanais, agus a theisteis, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, a‑chum gun soirbhich leat anns gach nì a nì thu, agus anns gach àite don tionndaidh tu thu fhèin;


Cha chuir mi olc sam bith fa chomhair mo shùl; is fuathach leam obair luchd-easaontais; cha lean i rium.


Od bhreitheanais cha do chlaon mi, oir theagaisg thusa mi.


Agus tha iad a’ lùbadh an teangaidh mar am bogha a‑chum ceilge; ach chan eil iad treubhach airson na fìrinn anns an talamh: oir tha iad a’ dol air an aghaidh o olc gu olc, agus chan eil eòlas aca ormsa, deir an Tighearna.


Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.


Gach nì a tha mise ag àithneadh dhuibh, thugaibh an aire gun dèan sibh e: cha chuir thu ris, cha mhò a bheir thu nì sam bith uaithe.


A‑chum nach bi a chridhe air a thogail suas os cionn a bhràithrean, agus nach claon e on àithne a‑chum na làimhe deise no na làimhe clìthe; air chor is gum buanaich e a làithean na rìoghachd, e fhèin agus a chlann ann am meadhon Israeil.


Agus cha tèid thu a‑thaobh o aon air bith de na briathran a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum na làimhe deise no a‑chum na làimhe clìthe, a dhol an dèidh dhiathan eile a dhèanamh seirbhis dhaibh.


Bheir sibh an aire, uime sin, gun dèan sibh mar a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh: cha chlaon sibh a thaobh a‑chum na làimhe deise no clìthe.


Cha do sheas sibh fhathast gu fuil, a’ cathachadh an aghaidh peacaidh.


Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan