Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 22:26 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

26 Uime sin thubhairt sinn, Gabhamaid a‑nis mu altair a thogail dhuinn fhèin, chan ann airson tabhartais-loisgte, no airson ìobairt;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

26 Uime sin thubhairt sinn, Gabhamaid a‑nis mu altair a thogail dhuinn fhèin, chan ann airson tabhartais‐loisgte, no airson ìobairt;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 22:26
5 Iomraidhean Croise  

Anns an là sin bidh altair don Tighearna ann am meadhon tìr na h‑Eiphit; agus carragh aig a crìch don Tighearna.


Oir rinn an Tighearna Iòrdan na crìch eadar sinne agus sibhse, a chlann Reubein, agus a chlann Ghad; chan eil agaibhse cuibhreann air bith anns an Tighearna: mar seo bheir ur clann-se air ar cloinn-ne sgur de eagal an Tighearna a bhith orra.


Ach a‑chum gum bi i na fianais eadar sinne agus sibhse, agus ar sliochd nar dèidh, a‑chum gun dèan sinn seirbhis an Tighearna na làthair le ar tabhartasan-loisgte, agus le ar n‑ìobairtean, agus le ar tabhartasan-sìth, a‑chum nach abair ur clann-se ri ar cloinn-ne anns an àm ri teachd, Chan eil cuibhreann agaibh anns an Tighearna.


Guma fada e uainne ceannairc a dhèanamh an aghaidh an Tighearna, agus tilleadh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail airson thabhartas-loisgte, airson thabhartasan-bìdh, no airson ìobairtean, seach altair an Tighearna ar Dia, a tha air beulaibh a’ phàillein.


Agus thog Gideon altair an sin don Tighearna, agus thug e Iehòbhah-salom mar ainm oirre: gus an là‑an‑diugh tha i fhathast ann an Ophrah nan Abiesrach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan