Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 22:19 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

19 Gidheadh, ma tha fearann ur seilbhe neòghlan, rachaibh thairis do fhearann sealbh an Tighearna, far a bheil pàillean an Tighearna a chòmhnaidh, agus gabhaibh sealbh nar measg-ne: ach na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc nar n‑aghaidh-ne, le altair a thogail dhuibh fhèin, a thuilleadh air altair an Tighearna ar Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

19 Gidheadh, ma tha fearann ur seilbhe neòghlan, rachaibh thairis do fhearann sealbh an Tighearna, far a bheil pàillean an Tighearna a chòmhnaidh, agus gabhaibh sealbh nar measg‐ne: ach na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc nar n‑aghaidh‐ne, le altair a thogail dhuibh fhèin, a thuilleadh air altair an Tighearna ar Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 22:19
12 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig na sagartan agus na Lèbhithich, a bha ann an Israel uile, da ionnsaigh as an crìochan uile:


Bheir thu a‑steach iad, agus suidhichidh tu iad ann an sliabh d’oighreachd, anns an àit a rinn thu dhut fhèin, a Thighearna, a‑chum còmhnaidh a ghabhail ann, anns an ionad naomh, a Thighearna, a dhaingnich do làmhan-sa.


Ach sheas prionnsa rìoghachd Phersia ann am aghaidh là‑ar‑fhichead: ach feuch, thàinig Mìchael, aon de na h‑àrd phrionnsachan gum chòmhnadh; agus dh’fhan mi an sin le rìghrean Phersia.


Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Bidh do bhean na strìopaich anns a’ bhaile, agus tuitidh do mhic agus do nigheanan leis a’ chlaidheamh; agus bidh d’fhearann air a roinn leis an t‑sreing: agus gheibh thu bàs ann am fearann truaillte, agus thèid Israel gu deimhinn air falbh ann am bruid, a‑mach as a dhùthaich fhèin.


Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa.


Agus chuala clann Israeil air a ràdh, Feuch, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, altair thall fa chomhair tìr Chanàain, ann an crìochan Iòrdain, far an tàinig clann Israeil thairis.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan