16 Mar seo tha co‑chruinneachadh an Tighearna uile ag ràdh, Ciod e an cionta seo a rinn sibh an aghaidh Dia Israeil, tilleadh air falbh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail dhuibh fhèin, a‑chum ceannairc a dhèanamh an‑diugh an aghaidh an Tighearna?

Oir bu nàir leam buidheann shaighdearan agus marc-shluagh iarraidh air an rìgh, a chuideachadh leinn an aghaidh an nàmhaid air an t‑slighe: a chionn gun do labhair sinn ris an rìgh, ag ràdh, Tha làmh ar Dè a‑chum maith orrasan uile a dh’iarras e, ach a chumhachd agus a fhearg nan aghaidh-san uile a thrèigeas e.
Agus their thu riu, Ge bè duine air bith de thaigh Israeil, no de na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a bheir seachad tabhartas-loisgte no ìobairt,
An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.
Agus chuala clann Israeil air a ràdh, Feuch, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, altair thall fa chomhair tìr Chanàain, ann an crìochan Iòrdain, far an tàinig clann Israeil thairis.
Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.