Iosua 22:11 - Am Bìoball Gàidhlig 199211 Agus chuala clann Israeil air a ràdh, Feuch, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, altair thall fa chomhair tìr Chanàain, ann an crìochan Iòrdain, far an tàinig clann Israeil thairis. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199211 Agus chuala clann Israeil air a ràdh, Feuch, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth‐threubh Mhanaseh, altair thall fa chomhair tìr Chanàain, ann an crìochan Iòrdain, far an tàinig clann Israeil thairis. Faic an caibideil |
An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.
Gidheadh, ma tha fearann ur seilbhe neòghlan, rachaibh thairis do fhearann sealbh an Tighearna, far a bheil pàillean an Tighearna a chòmhnaidh, agus gabhaibh sealbh nar measg-ne: ach na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc nar n‑aghaidh-ne, le altair a thogail dhuibh fhèin, a thuilleadh air altair an Tighearna ar Dia.