Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 21:18 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Anatot le a fhearann co‑roinn, agus Almon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Anatot le a fhearann co‑roinn, agus Almon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 21:18
8 Iomraidhean Croise  

Abieser an t‑Anetotach, Mebunai an t‑Husatach,


Agus ri Abiatar an sagart thubhairt an rìgh, Imich gu Anatot, a dh’ionnsaigh d’fhearainn fhèin, oir tha thu a’ toilltinn a’ bhàis: ach an‑diugh cha mharbh mi thu, a chionn gun do ghiùlain thu àirc an Tighearna Iehòbhah am fianais Dhaibhidh m’athair, agus a chionn gun d’fhuiling thu àmhghar anns gach nì anns an d’fhuiling m’athair àmhghar.


Agus o threubh Bheniàmin; Geba le a fhearann co‑roinn, agus Alemet le a fhearann co‑roinn, agus Anatot le a fhearann co‑roinn. B’iad am bailtean uile, air feadh an teaghlaichean, trì-bailtean-deug.


Ann an Anatot, Nob, Ananiah,


Tog suas do ghuth, O nighean Ghallim; cluinnear e gu ruig Lais, O Anatot thruagh.


Briathran Ieremiah mhic Hilciah, aon de na sagartan a bha ann an Anatot ann am fearann Bheniàmin:


Agus à treubh Bheniàmin, Gibeon le a fhearann co‑roinn, Gebah le a fhearann co‑roinn,


B’iad uile bhailtean chloinn Aaroin, na sagartan, trì-bailtean-deug lem fearann co‑roinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan