Iosua 2:19 - Am Bìoball Gàidhlig 199219 Agus tàrlaidh, ge bè neach a thèid a‑mach air dorsan do thaighe don t‑sràid, gum bi a fhuil air a cheann fhèin, agus bidh sinne neochiontach: agus ge bè neach a bhios maille riut anns an taigh, bidh a fhuil air ar ceann-ne ma bheanas làmh ris. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199219 Agus tàrlaidh, ge bè neach a thèid a‑mach air dorsan do thaighe don t‑sràid, gum bi a fhuil air a cheann fhèin, agus bidh sinne neochiontach: agus ge bè neach a bhios maille riut anns an taigh, bidh a fhuil air ar ceann‐ne ma bheanas làmh ris. Faic an caibideil |
Agus tillidh an Tighearna a fhuil air a cheann fhèin, do bhrìgh gun do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fheàrr na e fhèin, agus gun do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios dom athair Daibhidh, eadhon Abner mac Neir, ceannard sluagh Israeil, agus Amasa mac Ieteir, ceannard sluagh Iùdah.