Iosua 2:1 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin. Faic an caibideil |
Agus chaidh an còignear fhear suas a chaidh a ghabhail beachd air an tìr, agus thàinig iad a‑steach an sin, agus ghabh iad an dealbh snaidhte, agus an èphod, agus an teraphim, agus an dealbh leaghte: agus sheas an sagart aig dol a‑steach a’ gheata, agus an sia ceud fear a bha crioslaichte le innealan cogaidh.
Agus chuir clann Dhain còignear den teaghlach on crìochan, daoine treuna, o Shorah agus o Estaol, a ghabhail beachd air an tìr, agus ga rannsachadh a‑mach; agus thubhairt iad riu, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus thàinig iad gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, agus dh’fhan iad an sin rè na h‑oidhche.