Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 15:9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus thàirngeadh a’ chrìoch o mhullach an t‑slèibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i a‑mach gu bailtean sliabh Ephroin, agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Bàalah; (is e sin Ciriat-iearim.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus thàirngeadh a’ chrìoch o mhullach an t‑slèibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i a‑mach gu bailtean sliabh Ephroin, agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Bàalah; (is e sin Ciriat‐iearim.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 15:9
8 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Bhàal Iùdah, a thabhairt suas à sin àirc Dhè, air an gairmear ainm Tighearna nan sluagh, a ghabhas còmhnaidh eadar na ceruban.


Agus chaidh Daibhidh suas, agus Israel uile do Bhàalah, eadhon gu Ciriat-iearim a bhuineadh do Iùdah, a thabhairt leo as a sin àirc Dhè an Tighearna, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban, air an gairmear a ainm.


Bàalah, agus Iim, agus Asem,


Ciriat-bàal (is e sin Ciriat-iearim), agus Rabah: dà bhaile mhòr lem bailtean beaga.


Agus bha a’ cheàrn mu dheas o cheann Chiriat-iearim, agus chaidh a’ chrìoch a‑mach air an làimh an iar, agus ghabh i a‑mach gu tobar uisgeachan Nephtoah.


Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.


Agus chaidh iad suas, agus champaich iad ann an Ciriat-iearim, ann an Iùdah: uime sin thugadh Mahaneh-dan mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh; feuch, tha e air cùlaibh Chiriat-iearim.


Agus chuir iad teachdairean a dh’ionnsaigh luchd-àiteachaidh Chiriat-iearim, ag ràdh, Thug na Philistich air a h‑ais àirc an Tighearna; thigibh a‑nuas, thugaibh suas i dur n‑ionnsaigh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan