Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 15:41 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus Gederot, Bet-dagon, agus Nàamah, agus Macedah: sia mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus Gederot, Bet‐dagon, agus Nàamah, agus Macedah: sia mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 15:41
10 Iomraidhean Croise  

Agus os cionn nan craobh-ola agus nan craobh sicomoir a bha anns na còmhnardan ìosal, bha Bàal-hanan an Gedereach: agus os cionn nan taisgeachan ola bha Iòas.


Thug na Philistich mar an ceudna ionnsaigh air bailtean a’ chòmhnaird, agus air an taobh a deas de Iùdah, agus ghlac iad Bet-semes, agus Aialon, agus Gederot, agus Socho le a bhailtean beaga, agus Timnah le a bhailtean beaga, agus Gimso le a bhailtean beaga; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.


A‑nis nuair a chuala triùir chàirdean Iob an t‑olc seo uile a thàinig air, thàinig iad gach fear as a àite fhèin; Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach; oir shuidhich iad eatorra fhèin teachd a dhèanamh bròin maille ris, agus a thabhairt comhfhurtachd dha.


Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.


Agus thill an sluagh uile don champ gu Iosua aig Macedah ann an sìth: cha do ghluais neach a theanga an aghaidh duine sam bith de chloinn Israeil.


Agus air an là sin fhèin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bha ann; cha d’fhàg e neach air bith beò: agus rinn e ri rìgh Mhacedah mar a rinn e ri rìgh Iericho.


Rìgh Mhacedah, aon; rìgh Bheteil, aon;


Agus Cabon, agus Lahmas, agus Citlis,


Libnah, agus Eter, agus Asan,


Agus a’ tilleadh leth ri èirigh na grèine gu Bet-dagon, agus a’ ruigheachd gu Sebulun, agus gu gleann Iiphtah-el, leth ris an taobh mu thuath de Bhet-emec, agus Neiel, agus a’ dol a‑mach gu Cabul air an làimh chlì;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan