Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 13:22 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

22 Balàam mar an ceudna, mac Bheoir, am fiosaiche, mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh nam measg-san a mharbhadh leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

22 Balàam mar an ceudna, mac Bheoir, am fiosaiche, mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh nam measg‐san a mharbhadh leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 13:22
10 Iomraidhean Croise  

Gu cinnteach chan eil draoidheachd an aghaidh Iàcoib, cha mhò a tha fhiosachd an aghaidh Israeil: a rèir na h‑aimsir seo theirear mu Iàcob, agus mu Israel, Ciod a dh’obraich Dia!


Agus nuair a chunnaic Balàam gum bu toigh leis an Tighearna Israel a bheannachadh, cha deachaidh e, mar air uairean eile, a dh’iarraidh mhanaidhean, ach chuir e a aghaidh ris an fhàsach.


Agus a‑nis, feuch, tha mi a’ dol a dh’ionnsaigh mo dhaoine fhèin: thig uime sin, bheir mi rabhadh dhut, ciod a nì an sluagh seo air do shluagh-sa anns na làithean deireannach.


Agus mharbh iad rìghrean Mhidiain, a thuilleadh air a’ chuid eile dhiubh a mharbhadh; eadhon Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Reba, còig rìghrean Mhidiain: Balàam mac Bheoir mar an ceudna mharbh iad leis a’ chlaidheamh.


Agus b’i crìoch chloinn Reubein, Iòrdan agus a crìoch-se. B’i sin oighreachd chloinn Reubein a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.


A thrèig an t‑slighe dhìreach, agus a chaidh air seachran, a’ leantainn slighe Bhalàaim mhic Bhosoir, a ghràdhaich duais na h‑eucoir;


Is an‑aoibhinn dhaibh! Oir dh’imich iad ann an slighe Chàin, agus ruith iad gu togarrach ann an seachran Bhalàaim air ghaol tuarasdail, agus sgriosadh iad ann an ana-cainnt cheannaircich Chore.


Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.


Gidheadh, tha beagan agam ad aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin an dream a tha a’ cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap-tuislidh a chur ro chloinn Israeil, a‑chum nithean a dh’ìobradh do iodhalan ithe, agus strìopachas a dhèanamh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan