Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 10:30 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

30 Agus thug an Tighearna thairis e mar an ceudna, agus a rìgh, do làimh Israeil, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus na h‑anaman uile a bha ann: cha d’fhàg e neach air bith beò ann, ach rinn e ra rìgh mar a rinn e ri rìgh Iericho.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

30 Agus thug an Tighearna thairis e mar an ceudna, agus a rìgh, do làimh Israeil, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus na h‑anaman uile a bha ann: cha d’fhàg e neach air bith beò ann, ach rinn e ra rìgh mar a rinn e ri rìgh Iericho.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 10:30
12 Iomraidhean Croise  

Mar sin bhuail Iehu iadsan uile a mhair de thaigh Ahaib ann an Iesreel, agus a dhaoine mòra uile, agus a luchd-dàimh, agus a shagartan, gus nach d’fhàg e duine beò aige.


Agus gun ceannsaichear am fearann ann am fianais an Tighearna; na dhèidh sin tillidh sibh, agus bidh sibh neo-choireach an làthair an Tighearna, agus an làthair Israeil, agus bidh am fearann seo na sheilbh agaibh am fianais an Tighearna.


Agus thug an Tighearna ar Dia thairis e romhainn, agus bhuail sinn e fhèin, agus a mhic, agus a shluagh uile.


Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia iad thairis ad làthair, buailidh tu iad, agus cuiridh tu gu tur as dhaibh; cha dèan thu coicheangal sam bith riu, cha mhò a nochdas tu tròcair dhaibh:


Agus air an là sin fhèin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bha ann; cha d’fhàg e neach air bith beò: agus rinn e ri rìgh Mhacedah mar a rinn e ri rìgh Iericho.


An sin chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Mhacedah gu Libnah, agus chog e an aghaidh Libnah.


Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Libnah gu Lachis, agus champaich e na aghaidh agus chog e na aghaidh.


Agus uile bhailtean nan rìgh sin, agus an rìghrean uile, ghlac Iosua, agus bhuail e iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus sgrios e gu tur iad, mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna.


Rìgh Libnah, aon; rìgh Adulaim, aon;


Agus nuair a chuir Israel crìoch air uile luchd-àiteachaidh Ai a mharbhadh, anns a’ mhachair, anns an fhàsach don do chuir iad an ruaig orra, agus nuair a thuit iad uile le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuireadh as dhaibh, an sin thill na h‑Israelich uile gu Ai, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh.


Agus rìgh Ai chroch e air crann gu àm an fheasgair: agus mu dhol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas a chorp on chrann, agus thilg iad e aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus thog iad air càrn mòr chlach, a tha an làthair gus an là‑an‑diugh.


Agus nuair a chuala luchd-àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho agus ri Ai,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan