Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 10:29 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

29 An sin chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Mhacedah gu Libnah, agus chog e an aghaidh Libnah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

29 An sin chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Mhacedah gu Libnah, agus chog e an aghaidh Libnah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 10:29
14 Iomraidhean Croise  

Agus thill Rab-saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah: oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis.


Gidheadh dh’èirich Edom o bhith fo làimh Iùdah gus an là‑an‑diugh: agus dh’èirich Libnah anns an àm cheudna.


Gidheadh, dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah gus an là‑an‑diugh. Agus dh’èirich Libnah anns an àm cheudna o bhith fo a làimh, a chionn gun do thrèig e an Tighearna, Dia a athraichean.


Mar sin thill Rab-saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah; oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis.


Bha Sedeciah bliadhna ar fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon-bhliadhna-deug ann an Ierusalem; agus b’e ainm a mhàthar Hamutal, nighean Ieremiah o Libnah.


Agus dh’imich iad o Rimon-pares, agus champaich iad ann an Libnah.


Agus air an là sin fhèin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bha ann; cha d’fhàg e neach air bith beò: agus rinn e ri rìgh Mhacedah mar a rinn e ri rìgh Iericho.


Agus thug an Tighearna thairis e mar an ceudna, agus a rìgh, do làimh Israeil, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus na h‑anaman uile a bha ann: cha d’fhàg e neach air bith beò ann, ach rinn e ra rìgh mar a rinn e ri rìgh Iericho.


Rìgh Libnah, aon; rìgh Adulaim, aon;


Libnah, agus Eter, agus Asan,


Mar seo thug iad do chloinn Aaroin, an sagart, Hebron maille ra fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Libnah le a fhearann co‑roinn.


Agus lèirsgrios iad gach nì a bha anns a’ bhaile, eadar fhear agus bhean, òg agus shean, agus dhamh, agus chaora, agus asal, le faobhar a’ chlaidheimh.


Agus nì thu ri Ai agus ra rìgh mar a rinn thu ri Iericho agus ra rìgh: a‑mhàin a chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh fhèin. Cuir daoine ann am feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile air a chùlaibh.


Agus rìgh Ai chroch e air crann gu àm an fheasgair: agus mu dhol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas a chorp on chrann, agus thilg iad e aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus thog iad air càrn mòr chlach, a tha an làthair gus an là‑an‑diugh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan