Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 10:25 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

25 Agus thubhairt Iosua riu, Na biodh eagal oirbh agus na bithibh fo gheilt, bithibh làidir agus biodh deagh mhisneach agaibh; oir mar seo nì an Tighearna ri ur naimhdean uile ris a bheil sibh a’ cogadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

25 Agus thubhairt Iosua riu, Na biodh eagal oirbh agus na bithibh fo gheilt, bithibh làidir agus biodh deagh mhisneach agaibh; oir mar seo nì an Tighearna ri ur naimhdean uile ris a bheil sibh a’ cogadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 10:25
13 Iomraidhean Croise  

Ach iadsan a dh’iarras m’anam a‑chum a sgrios, thèid iad do ionadan ìochdarach na talmhainn.


Cuimhnichidh mi obraichean an Tighearna; gu deimhinn, cuimhnichidh mi d’iongantasan on aimsir chèin;


Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.


Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast;


Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.


Na deuchainnean mòra a chunnaic do shùilean, agus na comharraidhean, agus na h‑iongantasan, agus an làmh chumhachdach, agus an gàirdean sìnte a‑mach, leis an tug an Tighearna do Dhia a‑mach thu: mar sin nì an Tighearna do Dhia ris an t‑sluagh uile ro a bheil eagal ort.


Bi làidir, agus ro‑mhisneachail; oir don t‑sluagh seo roinnidh tu mar oighreachd an tìr a mhionnaich mi dan athraichean a thabhairt dhaibh.


Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.


Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal romhpa; oir thug mise thairis dod làimh iad: cha seas duine dhiubh romhad.


Mar an ceudna thubhairt Daibhidh, An Tighearna a shaor mise à màg an leòmhainn, agus à màg a’ mhath-ghamhainn, saoraidh esan mi à làimh an Philistich seo. Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Falbh, agus gu robh an Tighearna maille riut.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan