Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 1:8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd-smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd‐smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 1:8
40 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Isaac a‑mach a bheachd-smaoineachadh anns an fhaiche air feasgar: agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e, agus, feuch, bha na càmhail a’ tighinn.


Agus dh’iarr e Dia ann an làithean Shechariah, a theagaisg e ann an eagal Dhè: agus fhad is a dh’iarr e an Tighearna, thug Dia air soirbheachadh.


Am chridhe dh’fhalaich mi d’fhacal, a‑chum nach peacaichinn ad aghaidh.


Air d’àitheantan beachd-smaoinichidh mi, agus dearcaidh mi air do cheuman.


O cia ionmhainn leam do lagh-sa! Gach là is e mo chùis-smaoineachaidh.


Os cionn mo luchd-teagaisg uile tha mi a’ tuigsinn, oir is iad do theisteis mo chùis-smaoineachaidh.


Biodh briathran mo bheòil agus smuaintean mo chridhe taitneach ad làthair, a Thighearna, mo charraig agus m’fhear-saoraidh.


Cha d’fhalaich mi d’fhìreantachd ann am meadhon mo chridhe; chuir mi an cèill d’fhìrinn agus do shlàinte; cha do cheil mi do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn on choitheanal mhòr.


A mhic, na dìochuimhnich mo lagh; ach gleidheadh do chridhe m’àitheantan:


Agus air mo shon-sa, seo mo choicheangal riu, deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh.


Bheir duine math a‑mach nithean matha à deagh ionmhas a chridhe: agus bheir an droch dhuine a‑mach droch nithean as a dhroch ionmhas.


A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.


Chan e gach uile neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a thèid a‑steach do rìoghachd nèimh; ach an tì a nì toil m’Athar-sa a tha air nèamh.


Air an adhbhar sin, gach uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus a nì iad, samhlaichidh mi e ri duine glic, a thog a thaigh air carraig:


Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a choimheadas e.


Mas aithne dhuibh na nithean seo, is beannaichte sibh ma nì sibh iad.


An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.


Na tigeadh cainnt thruaillidh air bith a‑mach as ur beul, ach an nì sin a tha math a‑chum deagh-fhòghlaim, ionnas gun toir e gràs don luchd-èisdeachd.


Agus ghlac sinn am fearann, agus thug sinn e mar oighreachd do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-threubh Mhanaseh.


Gleidhibh uime sin briathran a’ choicheangail seo, agus dèanaibh iad, a‑chum gun soirbhich leibh anns gach nì a nì sibh.


Ach tha am facal ro‑fhagas dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe, a‑chum gun dèan thu e.


Nuair a thig Israel uile gan taisbeanadh fhèin an làthair an Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas e; leughaidh tu an lagh seo an làthair Israeil uile, nan èisdeachd.


Agus nuair a chuir Maois crìoch air sgrìobhadh briathran an lagha seo ann an leabhar, gus an do chrìochnaicheadh iad;


Agus ghairm Maois air Israel uile, agus thubhairt e riu, Eisd, O Israeil, ris na reachdan agus na breitheanais a labhras mi nur cluasan air an là‑an‑diugh, a‑chum gum fòghlaim sibh iad, agus gun glèidh agus gun dèan sibh iad.


O gum biodh an gnè cridhe seo annta, gum biodh m’eagal-sa orra, agus gun gleidheadh iad m’àitheantan uile a‑ghnàth, a‑chum gun èireadh gu math dhaibh, agus dan cloinn gu bràth!


Bheir sibh an aire, uime sin, gun dèan sibh mar a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh: cha chlaon sibh a thaobh a‑chum na làimhe deise no clìthe.


Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.


A‑mhàin bi‑sa làidir agus ro‑mhisneachail, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhut: na tionndaidh uaithe a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, a‑chum gun soirbhich leat anns gach àite don tèid thu.


Agus an dèidh sin leugh e uile bhriathran an lagha, na beannachdan agus na mallachdan, a rèir nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha.


Is beannaichte iadsan a nì a àitheantan-san, a‑chum gum bi còir aca air craoibh na beatha, agus gun tèid iad a‑steach tre na geatachan don bhaile.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan