Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 1:7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 A‑mhàin bi‑sa làidir agus ro‑mhisneachail, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhut: na tionndaidh uaithe a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, a‑chum gun soirbhich leat anns gach àite don tèid thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 A‑mhàin bi‑sa làidir agus ro‑mhisneachail, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhut: na tionndaidh uaithe a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, a‑chum gun soirbhich leat anns gach àite don tèid thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 1:7
25 Iomraidhean Croise  

Tha mise a’ dol air slighe na talmhainn uile: bi thusa uime sin làidir, agus dèan gu fearail:


Agus coimhead cùram an Tighearna do Dhia, a dh’imeachd na shlighean, a ghleidheadh a reachdan, agus a àitheantan, agus a bhreitheanais, agus a theisteis, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, a‑chum gun soirbhich leat anns gach nì a nì thu, agus anns gach àite don tionndaidh tu thu fhèin;


Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an uile shlighe Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe.


An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.


Ach bithibh-se làidir, agus na biodh ur làmhan lag; oir tha duais ann airson ur n‑obrach.


Agus dh’iarr e Dia ann an làithean Shechariah, a theagaisg e ann an eagal Dhè: agus fhad is a dh’iarr e an Tighearna, thug Dia air soirbheachadh.


Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc?


A Thighearna Dhè nan slògh, till sinn, thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn.


Na tionndaidh a‑chum na làimhe deise, no clìthe: caraich do chas on olc.


Air slighe a’ cheartais treòraichidh mi; ann am meadhon ceuman a’ bhreitheanais;


Agus thubhairt e, O dhuine ro‑ionmhainn, na biodh eagal ort; sìth dhut, bi làidir, seadh bi làidir. Agus nuair a labhair e rium, neartaicheadh mi, agus thubhairt mi, Labhradh mo thighearna; oir rinn thu mo neartachadh.


Agus chuir e a làmhan air, agus thug e àithne dha, mar a labhair an Tighearna le làimh Mhaois.


Uime sin, gleidhidh sibh na h‑àitheantan sin uile a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh, a‑chum gum bi sibh làidir agus gun tèid sibh a‑steach agus gun sealbhaich sibh am fearann, gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh;


Gach nì a tha mise ag àithneadh dhuibh, thugaibh an aire gun dèan sibh e: cha chuir thu ris, cha mhò a bheir thu nì sam bith uaithe.


Agus cha tèid thu a‑thaobh o aon air bith de na briathran a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum na làimhe deise no a‑chum na làimhe clìthe, a dhol an dèidh dhiathan eile a dhèanamh seirbhis dhaibh.


Agus ghlac sinn am fearann, agus thug sinn e mar oighreachd do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-threubh Mhanaseh.


Gleidhibh uime sin briathran a’ choicheangail seo, agus dèanaibh iad, a‑chum gun soirbhich leibh anns gach nì a nì sibh.


Agus ghairm Maois air Iosua, agus thubhairt e ris ann an sealladh Israeil uile, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir is tusa a thèid a‑steach leis an t‑sluagh seo don fhearann a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhaibh; agus bheir thu orra a shealbhachadh mar oighreachd.


Cha chuir sibh a’ bheag ris an fhacal a tha mise ag àithneadh dhuibh, cha mhò a bheir sibh nì sam bith uaithe, a‑chum is gun glèidh sibh àitheantan an Tighearna ur Dia, a tha mise ag àithneadh dhuibh.


Bheir sibh an aire, uime sin, gun dèan sibh mar a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh: cha chlaon sibh a thaobh a‑chum na làimhe deise no clìthe.


A‑nis, an dèidh bàs Mhaois, òglach an Tighearna, labhair an Tighearna ri Iosua mac Nuin, fear-frithealaidh Mhaois, ag ràdh,


Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd-smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic.


Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.


Mar a dh’àithn an Tighearna da òglach Maois, mar sin dh’àithn Maois do Iosua, agus mar sin rinn Iosua: cha d’fhàg e nì gun dèanamh de na h‑uile a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.


Bithibh-se uime sin ro‑mhisneachail a ghleidheadh agus a dhèanamh nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar-lagha Mhaois, a‑chum nach till sibh a lethtaobh uaithe, a dh’ionnsaigh na làimh deise, no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan