Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iob 1:5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt-loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt‐loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iob 1:5
36 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais-loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha.


Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a‑mhàin olc gach aon là.


Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan-loisgte air an altair.


Agus ghabh Eliah dà‑chloich-dheug, a rèir àireamh treubh mic Iàcoib, a‑chum an tàinig facal an Tighearna, ag ràdh, Bidh Israel mar ainm ort;


Agus cuiribh dithis dhaoine, mic Bheliail, ma choinneamh, a thoirt fianais na aghaidh, ag ràdh, Mhaslaich thu Dia agus an rìgh: agus an sin thugaibh a‑mach e, agus clachaibh e, a‑chum gum faigh e bàs.


Agus thàinig dithis dhaoine, mic Bheliail, agus shuidh iad ma choinneamh: agus rinn fir Bheliail fianais na aghaidh, eadhon an aghaidh Nàboit, an làthair an t‑sluaigh, ag ràdh, Mhaslaich Nàbot Dia agus an rìgh. An sin thug iad a‑mach as a’ bhaile e, agus chlach iad e le clachan, agus fhuair e bàs.


Agus ghlan na sagartan agus na Lèbhithich iad fhèin, agus ghlan iad an sluagh, agus na geatachan, agus am balla.


Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ris gach nì a tha aige, agus as an aodann mallaichidh e thu.


Agus chaidh a mhic agus rinn iad cuirm aig an taigh, gach fear air a là fhèin; agus chuir iad fios, agus thug iad cuireadh dan trì peathraichean a dh’ithe agus a dh’òl maille riu.


An sin thubhairt a bhean ris, A bheil thu fhathast a’ cumail d’ionracais? Mallaich Dia, agus faigh bàs.


Anns an Uile-chumhachdach an gabh e tlachd? An gairm e air Dia gach àm?


Nuair a thogas e e fhèin suas, bidh na cumhachdaich fo gheilt: air eagal brisidh glanaidh iad iad fhèin.


Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt-loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris-san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.


Dhàsan a thrèigeas a charaid is mòr am masladh e; trèigidh e mar an ceudna eagal an Uile-chumhachdaich.


Ma pheacaich do chlann na aghaidh, agus gun tug e thairis iad dan easaontas;


A Thighearna, air madainn cluinnidh tu mo ghuth; air madainn deasaichidh mi mi fhèin ad làthair, agus amhaircidh mi suas.


Agus ghabh Ietro, athair-cèile Mhaois, tabhartas-loisgte agus ìobairtean do Dhia: agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean Israeil, a dh’ithe arain maille ri athair-cèile Mhaois an làthair Dhè.


Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich iad an‑diugh, agus a‑màireach, agus nigheadh iad an aodach.


Agus chuir e uaithe òganaich de chloinn Israeil, agus thug iad suas tabhartasan-loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairtean-sìthe de dhaimh don Tighearna.


Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.


Glan do chridhe o aingidheachd, O Ierusaleim, a‑chum gun tèarnar thu. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnaidh an taobh a‑staigh dhìot?


Ged bhiodh an triùir fhear seo, Nòah, Daniel, agus Iob innte, cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd, deir an Tighearna Dia.


Ann an naomhachd agus ann am fìreantachd na làthair fhèin uile làithean ar beatha.


Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad-fhulangach mun timcheall?


Agus bha càisg nan Iùdhach am fagas: agus chaidh mòran suas as an dùthaich do Ierusalem ron chàisg, a‑chum iad fhèin a ghlanadh.


An sin ghabh Pòl na daoine; agus air an là màireach air dha a bhith air a ghlanadh maille riu, chaidh e a‑steach don teampall, a’ foillseachadh coileanadh làithean a’ ghlanaidh, gus an tugte tabhartas airson gach aoin aca.


Gabh aithreachas uime sin ded olc seo, agus guidh air Dia, ma dh’fhaodar gum maithear dhut smuain do chridhe.


Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.


Oir tha mi eudmhor umaibh le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal-pòsaidh eadar sibh agus aon fhear, a‑chum ur cur mar òigh fhìorghlain an làthair Chrìosd.


A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile;


Agus thubhairt esan, Ann an sìth: a dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi: naomhaichibh sibh fhèin, agus thigibh maille rium a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte. Agus naomhaich e Iese agus a mhic, agus ghairm e iad a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan