Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iob 1:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

3 'S e Dia bheir dhuinn gach cofhurtachd, no ghearras iad air falbh; Ma thug e leis, 's e fhèin thug uaith: beannaicht gach uair biodh ainm!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iob 1:3
34 Iomraidhean Croise  

Agus bhuin e gu math ri Abram air a sgàth-se: agus bha aige caoraich, agus daimh, agus asail fhireann, agus òglaich, agus banoglaich, agus asail bhoireann, agus càmhail.


Agus ghabh Abram Sàrai a bhean, agus Lot mac a bhràthar, agus am maoin uile a chruinnich iad, agus na h‑anaman a fhuair iad ann an Hàran; agus chaidh iad a‑mach gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad do thìr Chanàain.


Agus cha robh am fearann comasach air an giùlan, gu còmhnaidh a ghabhail cuideachd: oir bha am maoin mòr, agus cha b’urrainn iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd.


Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighistir gu mòr, agus tha e air fàs cumhachdach: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgead, agus òr, agus òglaich, agus banoglaich, agus càmhail agus asail;


Ach do mhic nan coileabach a bha aig Abrahàm, thug Abrahàm tìodhlacan; agus chuir e air falbh iad o a mhac Isaac, nuair a bha e fhèin fhathast beò, don taobh an ear, do thìr na h‑àird an ear.


An sin dh’imich Iàcob air a thuras, agus chaidh e do dhùthaich daoine na h‑àird an ear.


Dà cheud gobhar, agus fichead boc, dà cheud caora, agus fichead reithe,


Nach leinne an sprèidh, agus am maoin, agus an ainmhidhean uile? A‑mhàin aontaicheamaid leo, agus gabhaidh iad còmhnaidh maille rinn.


Aig an duine bheartach bha ro‑mhòran chaorach agus cruidh:


Agus bu mhò gliocas Sholaimh na gliocas uile chlann na h‑àird an ear, agus na uile ghliocas na h‑Eiphit.


Agus thog Menahem an t‑airgead o Israel, eadhon uapasan uile a bha comasach ann an saoibhreas, lethcheud secel airgid o gach duine, a‑chum a thabhairt do rìgh Asiria: agus thill rìgh Asiria air ais, agus cha d’fhan e an sin anns an tìr.


Agus bha Mesa rìgh Mhòaib na shealbhadair chaorach, agus dh’ìoc e do rìgh Israeil ceud mìle uan, agus ceud mìle reithe len olainn.


Os cionn nan càmhal mar an ceudna bha Obil an t‑Ismaeleach: agus os cionn nan asal bha Iehdeiah am Meronotach.


Agus thog e tùir anns an fhàsach, agus chladhaich e mòran thobar; oir bha mòran sprèidhe aige, agus anns an tìr ìosail agus anns a’ chòmhnard treabhaichean, agus fìonliosadairean anns na slèibhtean agus ann an Carmel, a chionn gum bu toigh leis tuathanachas.


Agus rinn e dha fhèin bailtean: agus bha sealbh chaorach agus buar aige ann am pailteas, oir thug Dia dha maoin ro‑mhòr.


Nach do chuir thu gàrradh mun cuairt air fhèin, agus mun cuairt air a thaigh, agus mun cuairt air gach nì a tha aige air gach taobh? Obair a làmh bheannaich thu, agus dh’fhàs a mhaoin mòr anns an tìr:


Agus chaidh a mhic agus rinn iad cuirm aig an taigh, gach fear air a là fhèin; agus chuir iad fios, agus thug iad cuireadh dan trì peathraichean a dh’ithe agus a dh’òl maille riu.


Oir their sibh, Càit a bheil taigh an duine mhòir, agus càit a bheil ionadan-còmhnaidh nan aingidh?


Thagh mi a‑mach an slighe, agus shuidh mi mar cheannard, agus chòmhnaich mi mar rìgh ann an armailt, mar aon a bheir comhfhurtachd do luchd-bròin.


Ma rinn mi gàirdeachas a chionn gu robh mo bheartas mòr, agus a chionn gun d’fhuair mo làmh mòran;


Àireamh mo cheuman chuirinn an cèill dha; mar cheannard rachainn am fagas dha.


Agus thionndaidh an Tighearna braighdeanas Iob, nuair a rinn e ùrnaigh airson a chàirdean: agus thug an Tighearna do Iob a dhà uiread is a bha aige roimhe.


Agus bheannaich an Tighearna crìoch Iob nas mò na a thoiseach; agus bha aige ceithir-mìle-deug caora, agus sia mìle càmhal, agus mìle cuing dhamh, agus mìle asal bhoireann.


Nì beannachadh an Tighearna saoibhir, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd.


A‑thaobh Chedair, agus a‑thaobh rìoghachdan Hasoir, a bhuail Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin. Mar seo thubhairt an Tighearna, Eiribh, rachaibh suas gu Cedar, agus creachaibh daoine na h‑àird an ear.


Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thug Balac rìgh Mhòaib mise à Aram, o bheanntan na h‑àird an ear, ag ràdh, Thig, mallaich dhòmhsa Iàcob; agus thig, thoir dùbhlan do Israel.


Agus thachair, nuair a chuir clann Israeil sìol, gun tàinig na Midianaich a‑nìos, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear, thàinig eadhon iadsan a‑nìos nan aghaidh.


Oir thàinig iad a‑nìos len sprèidh, agus lem bùthan, agus thàinig iad mar na lòcaist air lìonmhorachd; oir bha an dà chuid iad fhèin agus an càmhail gun àireamh: agus chaidh iad a‑steach don tìr a‑chum a milleadh.


Agus bha na Midianaich, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear uile nan laighe anns a’ ghleann mar na lòcaist air lìonmhorachd; agus bha an càmhail gun àireamh, mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge air lìonmhorachd.


A‑nis bha Sèba agus Salmuna ann an Carcor, agus an slòigh maille riu, mu thimcheall còig-mìle-deug fear, an t‑iomlan a dh’fhàgadh de shlòigh clann na h‑àird an ear uile: oir thuit ceud agus fichead mìle fear a tharraing claidheamh.


Agus bha duine ann am Maon aig an robh a shealbh ann an Carmel; agus bha an duine ro‑mhòr, agus bha trì mìle caora aige, agus mìle gobhar: agus bha e a’ lomairt a chaorach ann an Carmel.


Agus bhuail Daibhidh an tìr, agus cha d’fhàg e fear no bean beò; agus thug e leis na caoraich, agus am buar, agus na h‑asail, agus na càmhail, agus an t‑aodach; agus thill e, agus thàinig e gu Achis.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan