Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 9:6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus rinn an Tighearna an nì sin air an là màireach, agus fhuair sprèidh na h‑Eiphit uile bàs: ach de sprèidh chloinn Israeil cha d’fhuair a h‑aon bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus rinn an Tighearna an nì sin air an là màireach, agus fhuair sprèidh na h‑Èiphit uile bàs: ach de sprèidh chloinn Israeil cha d’fhuair a h‑aon bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 9:6
10 Iomraidhean Croise  

Agus a thug e thairis am feudail don chloich-mheallain, agus an treudan don tein-adhair;


A rinn e slighe da fheirg, nach do chaomhain e an anam on bhàs, ach a thug e thairis an anam don phlàigh;


Oir thèid mise tro thìr na h‑Eiphit air an oidhche seo, agus buailidh mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh: agus an aghaidh diathan nan Eiphiteach uile cuiridh mi breitheanas an gnìomh; is mise an Tighearna.


Agus air meadhon na h‑oidhche sin fhèin bhuail an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, o chiad-ghin Phàraoh a shuidh air a rìgh-chathair, gu ciad-ghin a’ chiomaich a bha ann an sloc a’ phrìosain; agus gach ciad-ghin ainmhidh.


Agus cuiridh mi air leth, air an là sin fhèin, fearann Ghòsein, anns a bheil mo shluagh a chòmhnaidh, air chor is nach bi cuileagan sam bith an sin; a‑chum is gum bi fhios agad gur mise an Tighearna ann am meadhon na talmhainn.


Agus bhuail a’ chlach-mheallain air feadh tìr na h‑Eiphit uile gach nì a bha anns a’ mhachair, araon duine agus ainmhidh: agus bhuail a’ chlach-mheallain uile luibh na machrach, agus bhris i uile chraobhan na machrach.


A‑mhàin ann an tìr Ghòsein, far an robh clann Israeil, cha robh clach-mheallain.


Agus cuiridh an Tighearna dealachadh eadar sprèidh Israeil, agus chan fhaigh a’ bheag bàs a dh’aon nì as le cloinn Israeil.


Agus shuidhich an Tighearna àm, ag ràdh, A‑màireach nì an Tighearna an nì seo anns an tìr.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan