Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 8:11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus falbhaidh na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, agus od sheirbhisich, agus od shluagh; a‑mhàin anns an abhainn mairidh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus falbhaidh na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, agus od sheirbhisich, agus od shluagh; a‑mhàin anns an abhainn mairidh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 8:11
7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Eiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd.


Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, air chor is nach d’èisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna.


Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, tha e a’ diùltadh leigeadh leis an t‑sluagh falbh.


Agus chaidh Maois agus Aaron a‑mach o Phàraoh; agus dh’èigh Maois ris an Tighearna a‑thaobh nan losgann, a thug e an aghaidh Phàraoh.


Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois: agus bhàsaich na losgannan as na taighean, as na bailtean, agus as na machraichean.


Agus brùchdaidh an abhainn a‑mach losgannan, agus thèid iad suas, agus thig iad a‑steach dod thaigh, agus dod sheòmar-leapa, agus air uachdar do leapa, agus do thaigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus dod àmhainnean, agus dod amair-fhuinidh.


Agus thubhairt Maois ri Phàraoh, Dèan uaill tharam: cuin a ghuidheas mi air do shon, agus airson do sheirbhiseach, agus airson do shluaigh, gun cuirear as do na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, air chor is gum mair iad a‑mhàin anns an abhainn?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan