Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 7:9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Nuair a labhras Phàraoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas air ur son fhèin; an sin their thu ri Aaron, Gabh do shlat, agus tilg sìos i an làthair Phàraoh, agus fàsaidh i na nathair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Nuair a labhras Phàraoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas air ur son fhèin; an sin their thu ri Aaron, Gabh do shlat, agus tilg sìos i an làthair Phàraoh, agus fàsaidh i na nathair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 7:9
15 Iomraidhean Croise  

Agus shìn Maois a‑mach a shlat thar tìr na h‑Eiphit, agus thug an Tighearna gaoth an ear air an tìr rè an là sin uile, agus rè na h‑oidhche uile: agus anns a’ mhadainn thug a’ ghaoth an ear a‑steach na lòcaist.


Agus gabhaidh tu an t‑slat seo ann ad làimh, leis an dèan thu comharraidhean.


Agus thubhairt an Tighearna ris, Ciod sin ann ad làimh? Agus thubhairt esan, Slat.


Agus ghabh Maois a bhean agus a mhic, agus chuir e iad air asail, agus thill e do thìr na h‑Eiphit. Agus ghabh Maois slat Dhè na làimh.


Agus thubhairt e, Tilg air an làr i. Agus thilg e air an làr i, agus rinneadh i na nathair: agus theich Maois roimhpe.


Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,


Agus shìn Maois a‑mach a shlat gu nèamh; agus rinn an Tighearna tàirneanach agus clach-mheallain, agus ruith tein-adhair air uachdar na talmhainn; agus fhras an Tighearna clach-mheallain air tìr na h‑Eiphit.


Iarr dhut fhèin comharradh on Tighearna do Dhia; iarr anns an doimhne, no anns an àirde shuas.


Labhair agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ad aghaidh, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, an uabheist mhòr a tha na laighe ann am meadhon a aibhnichean fhèin, a thubhairt, Is leam fhèin m’abhainn, rinn mi air mo shon fhèin i.


Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Tha ginealach olc agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas.


Ach ma nì, ged nach creid sibh mise, creidibh na h‑obraichean, a‑chum gum bi fhios agaibh, agus gun creid sibh gu bheil an t‑Athair annamsa, agus mise annsan.


An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Ciod an comharradh a nochdas tu dhuinne, do bhrìgh gu bheil thu a’ dèanamh nan nithean sin?


Uime sin thubhairt iad ris, Ciod an comharradh a nì thusa, matà, a‑chum gum faic sinn, agus gun creid sinn thu? Ciod an obair a nì thu?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan