Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 7:7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus bha Maois ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, agus Aaron ceithir-fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a labhair iad ri Phàraoh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus bha Maois ceithir‐fichead bliadhna a dh’aois, agus Aaron ceithir‐fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a labhair iad ri Phàraoh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 7:7
11 Iomraidhean Croise  

Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.


Tha làithean ar bliadhnachan nan trì-fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir-fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn.


Agus thàrladh an ceann mòran làithean gun d’fhuair rìgh na h‑Eiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich airson an daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, airson na daorsa.


Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,


Agus bha Aaron ceud agus fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a dh’eug e ann an sliabh Hor.


Agus nuair a bha e dà‑fhichead bliadhna iomlan a dh’aois, thàinig e na chridhe a bhràithrean, clann Israeil, fhiosrachadh.


Agus nuair a choileanadh dà‑fhichead bliadhna, dh’fhoillsicheadh dha ann am fàsach beinne Shina, aingeal an Tighearna ann an lasair theine ann am preas.


Agus threòraich mise sibh dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach; cha do chaitheadh ur n‑aodach dhibh le aois, agus cha do chaitheadh do bhròg le aois bhàrr do choise.


Agus thubhairt e riu, Tha mise ceud agus fichead bliadhna a dh’aois air an là‑an‑diugh; chan urrainn mi tuilleadh dol a‑mach agus teachd a‑steach: agus thubhairt an Tighearna rium, Cha tèid thu thar an Iòrdan seo.


Agus bha Maois ceud agus fichead bliadhna a dh’aois nuair a fhuair e bàs: cha d’fhàilnich a shùil, cha mhò a thrèig a neart e.


Chuir mi Maois mar an ceudna agus Aaron a‑mach, agus bhuail mi an Eiphit, a rèir an nì sin a rinn mi na meadhon: agus an dèidh sin thug mi sibhse a‑mach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan