Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 6:5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus mar an ceudna chuala mi osnaich chloinn Israeil, a tha na h‑Eiphitich a’ cumail ann an daorsa; agus chuimhnich mi mo choicheangal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus mar an ceudna chuala mi osnaich chloinn Israeil, a tha na h‑Èiphitich a’ cumail ann an daorsa; agus chuimhnich mi mo choicheangal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 6:5
11 Iomraidhean Croise  

Agus chuimhnich Dia air Nòah, agus gach nì beò, agus gach uile sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h‑uisgeachan;


Agus cuimhnichidh mi mo choicheangal, a tha eadar mise agus sibhse agus gach creutair beò den uile fheòil; agus chan fhàs nas mò na h‑uisgeachan nan dìle a sgrios gach uile fheòla.


Chuimhnich e gu sìorraidh a choicheangal-san, am facal a dh’òrdaich e do mhìle ginealach;


Agus thàrladh an ceann mòran làithean gun d’fhuair rìgh na h‑Eiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich airson an daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, airson na daorsa.


Agus chuala Dia an osnaich, agus chuimhnich Dia a choicheangal ri Abrahàm, ri Isaac, agus ri Iàcob.


Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.


Agus thubhairt rìgh na h‑Eiphit riu, Carson a tha sibhse, a Mhaois agus Aaroin, a’ toirt air an t‑sluagh sgur on obraichean? Rachaibh a‑chum ur n‑eallaichean.


Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.


Rinn e còmhnadh ri Israel, a òglach fhèin, ann an cuimhneachadh a thròcair,


A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan