Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 5:9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Cuirear an obair nas truime air na daoine, a‑chum is gun saothraich iad innte: agus na earbadh iad à briathran dìomhain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Cuirear an obair nas truime air na daoine, a‑chum is gun saothraich iad innte: agus na earbadh iad à briathran dìomhain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 5:9
8 Iomraidhean Croise  

Tha thu ag ràdh (ach is briathran faoin iad), Tha comhairle agus neart agam a‑chum a’ chogaidh: a‑nis, matà, cò as a bheil thu ag earbsa, gun dèanadh tu cogadh am aghaidh-sa?


Am bi crìoch air briathran gaoithe? No ciod a tha a’ toirt an dànadais dhut gu bheil thu a’ freagairt?


Agus chaidh maighistirean-obrach an t‑sluaigh a‑mach, agus an luchd-riaghlaidh, agus labhair iad ris an t‑sluagh, ag ràdh, Mar seo tha Phàraoh ag ràdh, Cha toir mi dhuibh connlach.


Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clachan-creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos a’ bheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad ag èigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid dar Dia.


Gun do labhair Asariah mac Hosaiah, agus Iohanan mac Chareah, agus na daoine uaibhreach uile, ag ràdh ri Ieremiah, Is breug a tha thu a’ labhairt: cha do chuir an Tighearna ar Dia thu gu ràdh, Na rachaibh don Eiphit a dh’fhantainn air chuairt an sin:


Ach mo bhriathran-sa, agus mo reachdan, a dh’àithn mi dom òglaich na fàidhean, nach do rinn iad greim air ur n‑athraichean? Agus nach dubhairt iad, Amhail mar a shaoil Tighearna nan sluagh a dhèanamh rinne, a rèir ar slighean, agus a rèir ar dèanadais, mar sin rinn e rinn.


Thubhairt sibh, Is dìomhain seirbhis a thoirt don Tighearna; agus ciod a’ bhuannachd dhuinn gun do choimhead sinn a òrdagh, agus gun do ghluais sinn gu brònach an làthair Tighearna nan sluagh?


Na mealladh neach air bith sibh le briathran dìomhain: oir airson nan nithean sin tha fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas-ùmhlachd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan