Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 40:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus cuiridh tu ann àirc na Fianais, agus falaichidh tu an àirc leis an roinn-bhrat.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus cuiridh tu ann àirc na Fianais, agus falaichidh tu an àirc leis an roinn‐bhrat.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 40:3
16 Iomraidhean Croise  

Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là air an tug mi a‑nìos Israel as an Eiphit gus an là‑an‑diugh, ach bha mi o bhùth gu bùth, agus o phàillean gu pàillean.


Agus nì iad àirc de fhiodh sitim: dà làmh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud, agus làmh-choille gu leth a h‑àirde.


Agus coinnichidh mise thu an sin, agus labhraidh mi riut o uachdar na cathair-thròcair, o eadar an dà cherub a tha air àirc na Fianais, a‑thaobh gach nì a dh’àithneas mi dhut do chloinn Israeil.


Agus nì thu brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta nìthear e, le ceruban.


Pàillean a’ choitheanail, agus àirc na Fianais, agus a’ chathair-thròcair a tha oirre, agus uile uidheam a’ phàillein,


An àirc agus a bataichean, a’ chathair-thròcair agus roinn-bhrat a’ chòmhdaich;


Agus labhair Maois ri coitheanal chloinn Israeil uile, ag ràdh, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh,


Mar sin chrìochnaicheadh uile obair pàillean bùth a’ choitheanail: agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.


Agus gabhaidh e de fhuil an tairbh, agus crathaidh e i le a mheur air a’ chathair-thròcair a‑chum na h‑àird an ear: agus fa chomhair na cathair-thròcair crathaidh e den fhuil seachd uairean le a mheur.


Agus nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh, thig Aaron agus a mhic, agus bheir iad a‑nuas brat a’ chòmhdaich, agus còmhdaichidh iad àirc na Fianais leis;


Agus an taobh a‑staigh den dara roinn-bhrat, am pàillean ris an abrar an t‑ionad as ro‑naoimhe;


Agus dh’fhosgladh teampall Dhè air nèamh, agus chunnacas na theampall àirc a’ choicheangail: agus bha dealanaich, agus guthan, agus tàirneanaich, agus crith-thalmhainn, agus clachan-meallain mòra ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan