Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 4:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, cha mhò a dh’èisdeas iad rim ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein an Tighearna e fhèin dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, cha mhò a dh’èisdeas iad rim ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein an Tighearna e fhèin dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 4:1
14 Iomraidhean Croise  

Agus thug e air an là sin fhèin comharradh seachad, ag ràdh, Is e seo an comharradh a labhair an Tighearna: Feuch, reubar an altair, agus dòirtear a‑mach an luath a tha oirre.


Agus thubhairt e, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Eiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte.


Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach.


Imich agus cruinnich ri chèile seanairean Israeil, agus abair riu, Dh’fhoillsich an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, e fhèin dhòmhsa, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib, ag ràdh, Gu cinnteach dh’amhairc mi oirbh, agus chunnaic mi an nì a rinneadh oirbh anns an Eiphit:


Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.


Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas-chainnteach mi, aon chuid roimhe seo, no on àm anns an do labhair thusa rid sheirbhiseach: do bhrìgh gu bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh.


Agus labhair Aaron na briathran uile a labhair an Tighearna ri Maois, agus rinn e na comharraidhean ann an sealladh an t‑sluaigh.


Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.


Agus labhair Maois an làthair an Tighearna, ag ràdh, Feuch, cha d’èisd clann Israeil rium; cionnas matà a dh’èisdeas Phàraoh riumsa, aig a bheil mo bhilean neo-thimcheall-gheàrrte?


Agus thubhairt Maois an làthair an Tighearna, Feuch, tha mise neo-thimcheall-gheàrrte am bhilean, agus cionnas a dh’èisdeas Phàraoh rium?


An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, feuch, chan aithne dhòmhsa labhairt, oir is leanabh mi.


An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e leis mi, agus dh’imich mi ann an searbhadas, ann an teas mo spioraid, ach bha làmh an Tighearna treun orm.


Oir shaoil e gun tuigeadh a bhràithrean gun tugadh Dia le a làimh-san saorsa dhaibh; ach cha do thuig iadsan.


Agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin nochd comharradh dhomh gur tusa a tha a’ labhairt rium.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan