Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 34:2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus bi deas anns a’ mhadainn, agus thig a‑nìos anns a’ mhadainn do shliabh Shinài, agus nochd thu fhèin an sin dhòmhsa air mullach an t‑slèibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus bi deas anns a’ mhadainn, agus thig a‑nìos anns a’ mhadainn do shliabh Shinài, agus nochd thu fhèin an sin dhòmhsa air mullach an t‑slèibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 34:2
6 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas air sliabh Shinài, air mullach an t‑slèibh: agus ghairm an Tighearna Maois suas gu mullach an t‑slèibh, agus chaidh Maois suas.


Mar seo, thuit mi sìos am fianais an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, mar a thuit mi sìos air tùs: a chionn gun dubhairt an Tighearna gun sgriosadh e sibh.


Agus bidh iad deas air cheann an treas là; oir air an treas là thig an Tighearna a‑nuas ann an sealladh an t‑sluaigh uile air sliabh Shinài.


Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thig a‑nìos am ionnsaigh-sa don t‑sliabh, agus bi an sin: agus bheir mise dhut clàir chloiche, agus lagh, agus na h‑àitheantan a sgrìobh mi, a‑chum iadsan a theagasg.


Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich romhad, falbh sìos, agus thig a‑nìos thu fhèin, agus Aaron maille riut; ach na briseadh na sagartan agus an sluagh a‑steach, gu teachd a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, air eagal gum bris e a‑mach orra.


Agus bha sliabh Shinài uile fo dheataich, do bhrìgh gun tàinig an Tighearna a‑nuas air ann an teine, agus dh’èirich a dheatach suas mar dheataich àmhainn, agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan