10 Agus thubhairt e, Feuch, nì mise coicheangal; ann an làthair do shluaigh uile nì mi nithean iongantach, nithean nach do rinneadh an leithid air an talamh uile, no ann an aon chinneach: agus chì an sluagh uile, am measg a bheil thu, obair an Tighearna; oir is nì uamhasach a nì mise riut.

Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh-sa, cosmhail ri Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, agus a dhèanamh ainme dha fhèin, agus a dhèanamh air an son nithean mòra agus uamhasach, airson do thìre, am fianais do shluaigh a shaor thu dhut fhèin as an Eiphit, o na cinnich agus on diathan?
Agus bha e an sin maille ris an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith e aran, cha mhò a dh’òl e uisge: agus sgrìobh e air na clàir facail a’ choicheangail, na deich àitheantan.
Agus a thug a‑mach do shluagh Israel à tìr na h‑Eiphit le comharraidhean, agus le mìorbhailean, agus le làimh làidir, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhas mòr;
Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas?
(Oir bha eagal na feirge orm, agus na ro‑chorraich leis an robh an Tighearna feargach nur n‑aghaidh-se a‑chum ur sgrios.) Ach dh’èisd an Tighearna rium anns an àm sin mar an ceudna.
Agus rinn an sluagh iolach nuair a shèid na sagartan leis na trompaidean: agus nuair a chuala an sluagh fuaim na trompaid, agus a dh’èigh an sluagh le iolaich mhòir, an sin thuit am balla sìos gu làr; agus chaidh an sluagh suas don bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus ghlac iad am baile.