Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 32:5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus nuair a chunnaic Aaron e, thog e altair fa chomhair, agus thug Aaron gairm, agus thubhairt e, Is là fèille a‑màireach don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus nuair a chunnaic Aaron e, thog e altair fa chomhair, agus thug Aaron gairm, agus thubhairt e, Is là fèille a‑màireach don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 32:5
18 Iomraidhean Croise  

Agus sgrìobh i anns na litrichean, ag ràdh, Gairmibh trasgadh, agus thugaibh air Nàbot suidhe air toiseach an t‑sluaigh:


Agus thubhairt Iehu, Gairmibh fèill naomh do Bhàal. Agus ghairm iad i.


Agus thog Uriah an sagart altair a rèir gach nì a chuir Ahas an rìgh o Dhamascas: mar sin rinn Uriah an sagart i air cheann do rìgh Ahas teachd o Dhamascas.


Agus shuidhich iad reachd, gairm a thabhairt air feadh Israeil uile o Bheer-sèba eadhon gu Dan, iad a theachd a chumail na càisge don Tighearna Dia Israeil ann an Ierusalem; oir cha do chùm mòran i mar a bha e sgrìobhte.


Agus thubhairt Maois, Le ar n‑òigridh agus le ar daoine aosmhor thèid sinn; le ar mic agus le ar buar thèid sinn; oir is èiginn dhuinn fèill a chumail don Tighearna.


Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.


Agus thog Maois altair, agus thug e Iehòbhah-Nisi mar ainm oirre;


Agus ghabh e iad as an làimh; agus chum e e le inneal-gearraidh, an dèidh dha laogh leaghte a dhèanamh dheth, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.


Agus dh’èirich iad suas gu moch air an là màireach, agus thug iad suas tabhartasan-loisgte, agus thug iad leo tabhartasan-sìthe: agus shuidh an sluagh sìos a dh’ithe agus a dh’òl, agus dh’èirich iad suas gu sùgradh.


A chionn gun do rinn Ephraim mòran altairean gu peacachadh, altairean gu peacachadh tha aige.


Oir dhìochuimhnich Israel a Chruithear, agus thog e teampaill: agus chuir Iùdah an lìonmhorachd cathraichean daingeann: ach cuiridh mise teine air a chathraichean, agus loisgidh e a lùchairtean.


Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, A‑thaobh fèillean an Tighearna, a ghairmeas sibh gu bhith nan co‑ghairmean naomha, is iad eadhon sin m’fhèillean-sa.


Agus gairmidh sibh air an là sin fhèin, a‑chum is gum bi e na cho-ghairm naomh dhuibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air; bidh e na reachd sìorraidh nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile air feadh ur ginealaichean.


Is iad sin fèillean an Tighearna, a ghairmeas sibh gu bhith nan co‑ghairmean naomha, a thoirt seachad tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna, tabhartas-loisgte, agus tabhartas-bìdh, ìobairt, agus tabhartasan-dibhe, gach nì air a là fhèin;


Is iad sin fèillean an Tighearna, eadhon co‑ghairmean naomha, a ghairmeas sibh nan àmannan fhèin:


Uime sin cumamaid an fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, no le taois ghoirt a’ mhìoruin agus an uilc; ach le aran neo-ghortaichte an treibhdhireis agus na fìrinn.


Agus thog Saul altair don Tighearna. B’i sin a’ chiad altair a thog e don Tighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan