Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 30:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nì thu altair a losgadh tùise oirre: de fhiodh sitim nì thu i:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus nì thu altair a losgadh tùise oirre: de fhiodh sitim nì thu i:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 30:1
21 Iomraidhean Croise  

Agus ann an taobh-beòil a’ ghuth-àit bha fichead làmh-choille air fad, agus fichead làmh-choille air leud, agus fichead làmh-choille air àirde; agus chòmhdaich e e le òr fìorghlan: chòmhdaich e cuideachd an altair le seudar.


Agus chòmhdaich e an taigh uile le òr, gus an do chrìochnaicheadh an taigh uile: mar an ceudna an altair uile, a bha làimh ris a’ ghuth-àit, chòmhdaich e le òr.


Agus rinn Solamh an t‑uidheam uile a bhuineadh do thaigh an Tighearna: an altair de òr, agus am bòrd, air an robh aran na fianais, de òr:


Agus a‑chum altair na tùise òr fìorghlan air chudthrom; agus òr fa chomhair samhladh carbad nan cerub, a sgaoil a‑mach an sgiathan, agus a chòmhdaich àirc coicheangal an Tighearna.


Ach thug Aaron agus a mhic suas tabhartasan air altair na h‑ìobairt-loisgte, agus air altair na tùise; agus dh’òrdaicheadh iad a‑chum uile obair an ionaid ro‑naoimh, agus a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil, a rèir gach nì a dh’àithn Maois, òglach Dhè.


Ach nuair a dh’fhàs e cumhachdach, thogadh a chridhe suas a‑chum aimhleis, agus pheacaich e an aghaidh an Tighearna a Dhia: oir chaidh e a‑steach do theampall an Tighearna, a losgadh tùise air altair na tùise.


Agus nì Aaron rèite air a h‑adhaircean aon uair anns a’ bhliadhna, le fuil ìobairt-pheacaidh na rèite: aon uair anns a’ bhliadhna nì e rèite oirre air feadh ur ginealaichean: tha i ro‑naomh don Tighearna.


Làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (ceithir-cheàrnach bidh i), agus dà làmh-choille a h‑àirde; bidh a h‑adhaircean den nì cheudna.


Agus am bòrd agus a uidheam, agus an coinnleir fìorghlan le a uidheam uile, agus altair na tùise,


Agus altair na tùise, agus a bataichean, agus an ola-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus an cùirtean airson doras a’ phàillein;


Agus an altair òir, agus an ola-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus am brat airson doras a’ phàillein;


Agus suidhichidh tu an altair òir a tha a‑chum na tùise fa chomhair àirc na Fianais, agus cuiridh tu brat an dorais ris a’ phàillean.


Bha an altair fhiodha trì làmhan-coille air àirde, agus dà làmh-choille air fad; air a dèanamh ceàrnach le oisnean agus clàran fiodha: agus thubhairt e rium, Seo am bòrd a tha fa chomhair an Tighearna.


Agus cuiridh e cuid den fhuil air adhaircean na h‑altarach a tha ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail, agus dòirtidh e a‑mach an fhuil uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.


Agus cuiridh an sagart cuid den fhuil air adhaircean altair na tùise cùbhraidh ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail; agus dòirtidh e fuil an tairbh uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.


Agus air an cùram-san bidh an àirc, agus am bòrd, agus an coinnleir, agus na h‑altairean, agus soithichean an ionaid naoimh, leis am fritheil iad, agus am brat, agus a sheirbhis uile.


Agus air an altair òir sgaoilidh iad aodach de ghorm, agus còmhdaichidh iad i le còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean.


Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail;


Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh-chathrach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan