Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 3:11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus thubhairt Maois ri Dia, Cò mise, gun rachainn a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus gun tugainn a‑mach clann Israeil as an Eiphit?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus thubhairt Maois ri Dia, Cò mise, gun rachainn a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus gun tugainn a‑mach clann Israeil as an Èiphit?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 3:11
13 Iomraidhean Croise  

An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?


Agus a‑nis, a Thighearna mo Dhia, rinn thu d’òglach na rìgh an àite Dhaibhidh m’athair; agus mise am leanabh beag, do nach aithne dol a‑mach no teachd a‑steach.


Thoir uime sin dod òglach cridhe tuigseach a thoirt breith air do shluagh, gu dealachadh a chur eadar am math agus an t‑olc; oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?


Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:


Agus labhair Maois an làthair an Tighearna, ag ràdh, Feuch, cha d’èisd clann Israeil rium; cionnas matà a dh’èisdeas Phàraoh riumsa, aig a bheil mo bhilean neo-thimcheall-gheàrrte?


An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, feuch, chan aithne dhòmhsa labhairt, oir is leanabh mi.


Don aon dream tha sinn nar boltrach bàis a‑chum bàis; agus don dream eile, nar boltrach beatha a‑chum beatha: agus cò a tha foghainteach a‑chum nan nithean seo?


Chan e gu bheil sinn foghainteach uainn fhèin a‑chum nì sam bith a smaoineachadh mar uainn fhèin: ach is ann o Dhia a tha ar foghainteachd;


Agus thubhairt e ris, Och mo Thighearna, cia leis a shaoras mise Israel? Feuch, tha mo theaghlach bochd ann am Manaseh, agus is mise as lugha ann an taigh m’athar.


Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Cò mise, agus ciod i mo bheatha, no teaghlach m’athar ann an Israel, gum bithinn am chliamhainn aig an rìgh?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan