Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 29:9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith-bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith‐bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 29:9
22 Iomraidhean Croise  

Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.


Agus gabh ad ionnsaigh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt, eadhon Aaron, Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar, mic Aaroin.


Oir thubhairt Maois, Coisrigibh sibh fhèin an-diugh don Tighearna, eadhon gach duine air a mhac, agus air a bhràthair; a‑chum is gum builich e oirbh beannachadh air an là‑an‑diugh.


Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu an athair, agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt; oir bidh gu deimhinn an ungadh-san dhaibh a‑chum sagartachd shìorraidh air feadh an ginealaichean.


Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,


Agus thug Maois mic Aaroin leis, agus chuir e còtaichean orra, agus chrioslaich e iad le criosan, agus chuir e bonaidean orra, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.


Agus air doras pàillean a’ choitheanail cha tèid sibh a‑mach rè seachd làithean, gus am bi làithean ur coisrigidh air an crìochnachadh: oir rè seachd làithean coisrigidh e sibh.


Agus thug e thusa am fagas dha fhèin, agus do bhràithrean uile, mic Lèbhi, maille riut; agus a bheil sibh ag iarraidh na sagartachd mar an ceudna?


Agus thàinig teine a‑mach on Tighearna, agus loisg e an dà cheud agus an lethcheud fear a thug seachad tùis.


Gu bhith nan cuimhneachan do chloinn Israeil, air chor is nach tig coigreach, nach eil de shliochd Aaroin, am fagas a losgadh tùis an làthair an Tighearna; a‑chum is nach bi e mar Chorah, agus mar a chuideachd; mar a thubhairt an Tighearna ris le làimh Mhaois.


Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic maille riut, ur sagartachd anns gach nì a bhuineas don altair, agus an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì sibh seirbhis: thug mi dhuibh ur sagartachd, mar sheirbhis tabhartais; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.


Agus bidh e aige, agus aig a shliochd na dhèidh, eadhon coicheangal sagartachd shìorraidh, a chionn gu robh e eudmhor as leth a Dhè, agus gun do rinn e rèite airson chloinn Israeil.


Agus òrdaichidh tu Aaron agus a mhic, agus feithidh iadsan air dreuchd an t‑sagairt: agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.


Oir thagh an Tighearna do Dhia e a‑mach as do threubhan uile, gu seasamh a‑chum frithealaidh ann an ainm an Tighearna, e fhèin agus a mhic gu bràth.


Air a ghairm le Dia na Ard-shagart a rèir òrdagh Mhelchisedeic;


Agus bha aig an duine Micah taigh dhiathan, agus rinn e èphod, agus teraphim, agus choisrig e aon de a mhic, agus bha e aige na shagart.


Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan