Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 29:13 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus gabhaidh tu an t‑saill uile a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus loisgidh tu iad air an altair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus gabhaidh tu an t‑saill uile a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus loisgidh tu iad air an altair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 29:13
29 Iomraidhean Croise  

Agus nan abradh duine sam bith ris, Na dearmadadh iad an t‑saill a losgadh air ball, agus an sin gabh dhut fhèin mar as miann led anam; an sin fhreagradh e, Chan eadh, ach bheir thu dhomh a‑nis; agus mura tabhair, gabhaidh mi a dh’aindeoin.


Cha do cheannaich thu dhòmhsa le airgead a’ chuilc chùbhraidh, cha mhò a lìon thu mi le saill d’ìobairtean; ach shàraich thu mi led lochdan: sgìthich thu mi led euceartan.


Tha claidheamh an Tighearna sàsaichte le fuil; tha e biadhte le saill, le fuil uan agus ghobhar, le saill àirnean reitheachan; oir tha ìobairt aig an Tighearna ann am Bosrah, agus àr mòr ann an tìr Idumèa.


Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan-loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd.


Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim.


Ach ciad-ghin boin, no ciad-ghin caorach, no ciad-ghin goibhre, chan fhuasgail thu; tha iad naomh: crathaidh tu am fuil air an altair, agus loisgidh tu an saill mar thabhartas a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.


Agus crathaidh an sagart an fhuil air altair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail, agus loisgidh e an t‑saill a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.


Agus saill na h‑ìobairt-pheacaidh loisgidh e air an altair.


Agus saill an tairbh, agus earball an reithe, agus an nì sin a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus na h‑àirnean, agus an sgairt os cionn nan àinean.


Ach an t‑saill agus na h‑àirnean, agus an sgairt os cionn àinean na h‑ìobairt-pheacaidh, loisg e air an altair, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.


Agus ghabh e an t‑saill, agus an t‑earball, agus an ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an sgairt os cionn nan àinean, agus an dà àra agus an ìgh, agus an slinnean deas.


Agus ghabh e an ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an sgairt os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an ìgh; agus loisg Maois iad air an altair.


Agus loisgidh an sagart an t‑saill air an altair: ach bidh an t‑uchd le Aaron agus le a mhic.


Agus bheir e seachad dhith a saill uile; an t‑earball, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich,


Agus bidh an teine air an altair a’ losgadh innte; cha chuirear as e: agus loisgidh an sagart fiodh oirre gach madainn, agus cuiridh e an ìobairt-loisgte ann an òrdagh oirre, agus loisgidh e oirre saill nan ìobairtean-sìthe.


Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear air falbh saill an uain o ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart iad air an altair, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a rinn e, agus maithear dha e.


Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear an t‑saill a ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart i air an altair, a-chum fàile chùbhraidh don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bheirear maitheanas dha.


Agus loisgidh e a saill uile air an altair, mar a loisgear saill ìobairt nan tabhartas-sìthe: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh, agus maithear dha e.


Agus bheir an sagart e a‑chum na h‑altarach, agus snìomhaidh e a cheann dheth, agus loisgidh e air an altair e; agus fàisgear a‑mach a fhuil air taobh na h‑altarach.


Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.


Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine don Tighearna.


Mar an ceudna, gabhaidh tu den reithe an t‑saill, agus bun an earbaill, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus sgairt nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus an slinnean deas; oir is reithe coisrigidh e.


Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas-loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.


Na ithibh a’ bheag dheth amh, no idir air a bhruitheadh ann an uisge, ach ròiste le teine: a cheann maille ra chasan, agus maille ra ghrealaich.


Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch-lèin, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan