Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 29:10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus bheir thu fa‑near an tarbh a thoirt gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus bheir thu fa‑near an tarbh a thoirt gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 29:10
13 Iomraidhean Croise  

Agus marbhaidh tu an tarbh an làthair an Tighearna, làimh ri doras pàillean a’ choitheanail.


Gabhaidh tu mar an ceudna aon reithe, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.


Agus gabhaidh tu an reithe eile, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.


Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.


Nuair a sguireas tu de a glanadh, ìobraidh tu tarbh òg gun ghaoid, agus reithe as an treud gun ghaoid.


Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-loisgte: agus gabhar air a shon i, a dhèanamh rèite air a shon.


Agus cuiridh Aaron a dhà làimh air ceann a’ bhuic bheò, agus aidichidh e os a chionn uile lochdan chloinn Israeil, agus an uile sheachranan nam peacaidhean gu lèir, agus cuiridh e iad air ceann a’ bhuic, agus cuiridh e air falbh e le làimh duine iomchaidh don fhàsach.


Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e aig doras pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin, na sagartan, an fhuil air an altair mun cuairt.


Agus bheir e an tarbh gu doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna; agus cuiridh e a làmh air ceann an tairbh, agus marbhaidh e an tarbh an làthair an Tighearna.


Agus thug e leis an tarbh airson na h‑ìobairt-pheacaidh, agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh airson na h‑ìobairt-pheacaidh.


Agus thug e leis an reithe airson na h‑ìobairt-loisgte: agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.


Agus cuiridh na Lèbhitich an làmhan air cinn nan tarbh; agus ìobraidh tu aon dhiubh mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt-loisgte don Tighearna, a dhèanamh rèite airson nan Lèbhiteach.


Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan