Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 27:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nì thu altair de fhiodh sitim; còig làmhan-coille air fad, agus còig làmhan-coille air leud; bidh an altair ceithir-cheàrnach, agus a h‑àirde trì làmhan-coille.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus nì thu altair de fhiodh sitim; còig làmhan‐coille air fad, agus còig làmhan‐coille air leud; bidh an altair ceithir‐cheàrnach, agus a h‑àirde trì làmhan‐coille.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 27:1
20 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh air an là sin, agus thubhairt e ris, Gabh suas, tog altair don Tighearna, ann an ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach.


Agus thug e mar an ceudna an altair umha, a bha ann am fianais an Tighearna, o bheulaibh an taighe, o eadar an altair agus taigh an Tighearna, agus chuir e i air taobh tuath na h‑altarach.


Ach thug Aaron agus a mhic suas tabhartasan air altair na h‑ìobairt-loisgte, agus air altair na tùise; agus dh’òrdaicheadh iad a‑chum uile obair an ionaid ro‑naoimh, agus a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil, a rèir gach nì a dh’àithn Maois, òglach Dhè.


Agus rinn e altair umha: fichead làmh-choille a fad, agus fichead làmh-choille a leud, agus deich làmhan-coille a h‑àirde.


Agus sheas Iesua mac Iosadaic suas, agus a bhràithrean, na sagartan, agus Serubabel mac Shealtieil, agus a bhràithrean, agus thog iad altair Dia Israeil, a dh’ìobradh ìobairtean-loisgte oirre, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè.


Agus thog Maois altair, agus thug e Iehòbhah-Nisi mar ainm oirre;


Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.


Agus altair na h‑ìobairt-loisgte le a h‑uidheam uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas,


Altair na h‑ìobairt-loisgte agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach-ionnlaid agus a chas;


An altair umha, agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach-ionnlaid agus a chas;


Agus ungaidh tu altair na h‑ìobairt-loisgte, agus a soithichean uile: agus bidh an altair ro‑naomh.


Agus chuir e altair na h‑ìobairt-loisgte làimh ri doras pàillean bùth a’ choitheanail, agus thug e suas oirre an ìobairt-loisgte, agus an tabhartas-bìdh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.


Agus suidhichidh tu altair na h‑ìobairt-loisgte fa chomhair doras pàillean bùth a’ choitheanail.


Agus air an cùram-san bidh an àirc, agus am bòrd, agus an coinnleir, agus na h‑altairean, agus soithichean an ionaid naoimh, leis am fritheil iad, agus am brat, agus a sheirbhis uile.


Agus bheir iad air falbh an luath on altair, agus sgaoilidh iad aodach corcair oirre;


Agus cuiridh iad oirre a soithichean uile, leis am fritheil iad ma timcheall, eadhon na tùiseirean, na greimichean-feòla, agus na sluasaidean, agus na cuachan, soithichean na h‑altarach uile; agus sgaoilidh iad oirre còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean.


Tha altair againne, de nach eil còir acasan a’ bheag ithe, a tha a’ dèanamh seirbhis don phàillean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan