Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 24:8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus ghabh Maois an fhuil, agus chrath e i air an t‑sluagh, agus thubhairt e, Feuch, fuil a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh a‑thaobh nam briathran sin uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus ghabh Maois an fhuil, agus chrath e i air an t‑sluagh, agus thubhairt e, Feuch, fuil a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh a‑thaobh nam briathran sin uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 24:8
23 Iomraidhean Croise  

Agus shuidhich mi an sin àite don àirc, anns a bheil coicheangal an Tighearna, a rinn e ri ar n‑athraichean, nuair a thug e a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit.


Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr chloiche, a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh à tìr na h‑Eiphit.


Ach rinn iad miodal ris lem beul, agus rinn iad breug dha len teangaidh,


Agus ghabh Maois leth na fala, agus chuir e ann an cuachan i; agus leth na fala chrath e air an altair.


Mar sin crathaidh e uisge air mòran chinneach; na fhianais druididh rìghrean am beòil; oir an nì nach do chuireadh an cèill dhaibh, chì iad; agus an nì nach cuala iad, bheir iad fa‑near.


Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do ghlac mi air làimh iad, a‑chum an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit; eadhon mo choicheangal a bhris iad, ged bha mi am fhear-pòsda dhaibh, deir an Tighearna:


Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu.


An sin crathaidh mi uisge glan oirbh, agus bidh sibh glan; o ur n‑uile shalchar, agus o ur n‑uile iodhalan glanaidh mi sibh.


Agus ghabh Maois cuid den ola-ungaidh, agus den fhuil a bha air an altair, agus chrath e air Aaron i; air a aodach, agus air a mhic, agus air aodach a mhac maille ris: agus naomhaich e Aaron, agus a aodach, agus a mhic, agus aodach a mhac maille ris.


A rèir an fhacail a dhaingnich mi ribh nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, mar sin tha mo spiorad a’ fantainn nur measg: na biodh eagal oirbh.


Air mo shon-sa fòs, le fuil do choicheangail chuir mi a‑mach do phrìosanaich as an t‑sloc anns nach robh uisge sam bith.


Oir is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran a‑chum maitheanas pheacaidhean.


Agus thubhairt e riu, Is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran.


Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil-sa, a dhòirteadh air ur son-se.


Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil-sa: dèanaibh-se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.


Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;


Rinn an Tighearna ar Dia coicheangal rinn ann an Hòreb.


Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?


A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, àrd-bhuachaille nan caorach, tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh,


Mar sin rinn Iosua coicheangal ris an t‑sluagh air an là sin: agus shuidhich e dhaibh reachd agus riaghailt ann an Sechem.


A thaghadh a rèir ro‑eòlas Dhè an t‑Athair, tre naomhachadh an Spioraid, a‑chum ùmhlachd, agus crathadh fuil Iosa Crìosd: gràs agus sìth gu robh air am meudachadh dhuibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan