Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 24:6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus ghabh Maois leth na fala, agus chuir e ann an cuachan i; agus leth na fala chrath e air an altair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus ghabh Maois leth na fala, agus chuir e ann an cuachan i; agus leth na fala chrath e air an altair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 24:6
22 Iomraidhean Croise  

Agus rinn iad tàir air a reachdan, agus air a choicheangal a rinn e rin athraichean, agus air a theisteis leis an tug e fianais nan aghaidh; agus lean iad dìomhanas, agus dh’fhàs iad dìomhain, agus chaidh iad an dèidh nan cinneach a bha mun cuairt orra, mun tug an Tighearna sparradh dhaibh, nach dèanadh iad cosmhail riu.


Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad.


Agus gabhaidh sibh bad hiosoip, agus tumaidh sibh e anns an fhuil a tha anns an t‑soitheach, agus beanaidh sibh don àrd-doras, agus don dà ursainn, leis an fhuil a tha anns an t‑soitheach: agus cha tèid a h‑aon agaibh a‑mach air doras a thaighe gu ruig a’ mhadainn.


Agus gabhaidh iad den fhuil, agus cuiridh iad i air an dà ursainn, agus air àrd-doras nan taighean, anns an ith iad e.


Agus ghabh Maois an fhuil, agus chrath e i air an t‑sluagh, agus thubhairt e, Feuch, fuil a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh a‑thaobh nam briathran sin uile.


Agus marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu a fhuil, agus crathaidh tu i mun cuairt air an altair.


An sin marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu de a fhuil, agus cuiridh tu i air bàrr cluas dheas Aaroin, agus air bàrr cluas dheas a mhac, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise; agus crathaidh tu an fhuil air an altair mun cuairt.


Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do ghlac mi air làimh iad, a‑chum an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit; eadhon mo choicheangal a bhris iad, ged bha mi am fhear-pòsda dhaibh, deir an Tighearna:


Agus marbhaidh e e aig taobh na h‑altarach mu thuath ann an làthair an Tighearna: agus crathaidh na sagartan, mic Aaroin, a fhuil air an altair mun cuairt.


Agus marbhaidh e an tarbh òg an làthair an Tighearna: agus bheir na sagartan, mic Aaroin, leo an fhuil, agus crathaidh iad an fhuil mun cuairt air an altair, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.


Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e aig doras pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin, na sagartan, an fhuil air an altair mun cuairt.


Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e fa chomhair pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin a fhuil air an altair mun cuairt.


Agus tumaidh an sagart a mheur anns an fhuil, agus crathaidh e cuid den fhuil seachd uairean an làthair an Tighearna, fa chomhair roinn-bhrat an ionaid naoimh.


Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil-sa: dèanaibh-se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.


Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn-cheusaidh-san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh.


Agus gu Iosa, eadar-mheadhonair a’ choicheangail nuaidh, agus gu fuil a’ chrathaidh, a tha a’ labhairt nithean as fheàrr na fuil Abeil.


Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do rug mi air làimh orra a‑chum an treòrachadh a‑mach à talamh na h‑Eiphit; do bhrìgh nach d’fhan iad ann am choicheangal, agus chuir mise suarach iadsan, tha an Tighearna ag ràdh.


A rèir sin, cha mhò a bha an ciad thiomnadh air a choisrigeadh as eugmhais fala.


Oir nuair a labhradh gach uile àithne a rèir an lagha ris an t‑sluagh uile le Maois, air dha fuil laogh agus ghobhar a ghabhail, maille ri uisge, agus olainn sgàrlaid, agus hiosop, chrath e iad araon air an leabhar agus air an t‑sluagh uile,


Os bàrr, chrath e mar an ceudna an fhuil air a’ phàillean, agus air soithichean na naomh-sheirbhis uile.


Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal:


A thaghadh a rèir ro‑eòlas Dhè an t‑Athair, tre naomhachadh an Spioraid, a‑chum ùmhlachd, agus crathadh fuil Iosa Crìosd: gràs agus sìth gu robh air am meudachadh dhuibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan