Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 22:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Ma bhios a’ ghrian air èirigh air, dòirtear fuil air a shon. Nì esan a ghoideas dìoladh iomlan: mura bi nì sam bith aige, an sin reicear e airson a ghadachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Ma bhios a’ ghrian air èirigh air, dòirtear fuil air a shon. Nì esan a ghoideas dìoladh iomlan: mura bi nì sam bith aige, an sin reicear e airson a ghadachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 22:3
9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, A‑nis, matà, biodh e a rèir ur briathar: bidh esan aig am faighear e na sheirbhiseach agamsa; agus bidh sibhse neo-choireach.


Ma cheannaicheas tu òglach Eabhraidheach, sia bliadhna nì e seirbhis; agus anns an t‑seachdamh thèid e a‑mach saor, an asgaidh.


Nì esan dom buin an sloc suas an calldachd, bheir e airgead dan sealbhadair, agus is leis fhèin am beathach marbh.


Ma gheibhear gadaiche a’ briseadh a‑steach, agus gum buailear e, agus gum faigh e bàs, cha dòirtear fuil air a shon:


Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean.


Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir-dhealachaidh ur màthar a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd-fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh air ur reic; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair.


Ach do bhrìgh nach robh aige nì leis an dìoladh e, dh’àithn a thighearna e fhèin, agus a bhean, agus a chlann, agus na h‑uile nithean a bha aige a reic, agus dìoladh a dhèanamh.


Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh nam Philisteach, agus do làimh chloinn Amoin.


Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mun cuairt, air chor is nach b’urrainn iad na b’fhaide seasamh an làthair an naimhdean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan